Graffiti an aghaidh sealg a' ghuga air a chur air oifisean NàdarAlba

- Air fhoillseachadh
Dhearbh buidheann nàdair na h-Alba gu bheil na poilis a' rannsachadh an dèidh mar a chaidh graffiti a pheantadh taobh a-muigh nam prìomh-oifisean aca ann an Inbhir Nis.
Tha an sgrìobhadh a' cur an aghaidh sealg a' ghuga le fir à Nis ann an ceann a tuath Leòdhais - cleachdadh a bhios NàdarAlba a' ceadachadh.
Tha buidheann de Nisich air a bhith a' dol a Shùlasgeir mu 40 mìle tuath air Leòdhas a h-uile bliadhna fad linntean a mharbhadh iseanan shùlairean airson an ithe.
Tha na sealgairean ag ràdh gu bheil e mar phàirt den dualchas aca a' dol cho fada air ais ris an 15mh Linn, ach tha luchd-iomairt den bheachd gu bheil an t-sealg borb agus nach eil i a dhìth san là a th' ann.
Dh'fhaodadh gun lean athchuinge nan gugaichean gu an dèidh an taghaidh
- Air fhoillseachadh21 Am Faoilleach
Cead às ùr 'son sealg a' ghuga
- Air fhoillseachadh16 An t-Iuchar 2025
Feumar sguir de Shealg "bhorb" a' Ghuga a rèir luchd-strì
- Air fhoillseachadh9 Am Faoilleach
Thuirt NàdarAlba:"Tha sinn mothachail gun deach milleadh eucoireach a dhèanamh aig togalach NàdarAlba aig Taigh a' Ghlinne Mhòir ann an Inbhir Nis.
"Leis gu bheil sgrùdadh poilis ann, chan urrainn dhuinn an còrr a ràdh aig an ìre seo."
Dh'aontaich buill-phàrlamaid Albannach san Fhaoilleach gum fuirich athchuinge a tha ag iarraidh cur às don t-sealg fosgailte gus an tèid co-dhùnadh air am bu chòir beachdachadh às ùr oirre an dèidh taghaidhean Holyrood sa Chèitean.
Tha còrr is 85,000 ainm air an athchuinge - an àireamh as motha de dh'ainmean a fhuair athchuinge san t-seisean seo den Phàrlamaid Albananaich.