"Ceistean rim freagairt" mu leasachadh chidhe Phort Rìgh

- Air fhoillseachadh
Thuirt Comhairle Coimhearsnachd Phort Rìgh gu bheil dragh air cuid agus gu bheil ceistean rim freagairt mu obair leasachaidh a tha an impis tòiseachadh air cidhe a' bhaile Diluain sa tighinn.
Tha feadhainn anns an sgìre mì-thoilichte is iad ag ràdh nach d' fhuair iad fiosrachadh gu leòr mun obair.
Chùm a' chomhairle coimhearsnachd coinneamh mun chùis san sgìre oidhche Ardaoin.
Ann am brath do BhBC Naidheachdan, thuirt Comhairle na Gàidhealtachd ged nach deach litrichean a sgaoileadh do mhuinntir an àite, gu bheil am fiosrachadh gu lèir air a bhith san fhollais gu poblach airson greis mhath.
'S ann le Comhairle na Gaidhealtachd a tha cidhe Phort Righ agus tha dùil gun tòisich obair-leasachaidh Diluain sa tighinn agus gum mair an obair 24 seachdainean.
Uile gu lèir cosgaidh an t-ùghdarras ionadail timcheall air £2m bhon mhaoin chalpa aca air an leasachadh.
Thèid an obair a dhèanamh ann an dà earainn.
Anns a' chiad phàirt den phròiseact, thèid concrait a chur air uachdar cheann a' chidhe agus thèid bun-stèidh a' chidhe a neartachadh.
Agus an ath-bhliadhna, thèid balla-cloiche air an t-seann phàirt den chidhe a chàradh.
Ach chaidh draghan a thogail an-uiridh gun robh barrachd na obair-càraidh a dhìth air a' chidhe.

Bha grunn de luchd-cleachdaidh a' chidhe an làthair aig a' choinneimh oidhche Ardaoin, nam measg, iasgairean agus daoine aig a bheil gnothachasan aig a' chidhe.
Cha robh cead aig na meadhanan a bhith an làthair ach bhruidhinn feadhainn de na buill às dèidh làimh.
Thuirt a' chomhairle coimhearsneachd gun robh iad airson tuigse fhaighinn air na teagamhan a tha aig luchd-cleachdaidh caladh Phort Rìgh mun obair-caraidh a thòisicheas an ath-sheachdain.
Agus thuirt iad gu bheil tuilleadh fiosrachaidh a dhìth agus gun dèan iad oidhirp freagairtean fhaighinn cho luath 's a ghabhas.
Ceistean
Tha bùth leabhraichean aig Dòmhnall Dòmhnallach aig mullach an rathaid a tha a' dol dhan chidhe.
"'S e rud a tha iongantach, 's e nach deach seo idir innse dha na gnìomhachasan mun cuairt Phort Rìgh.
"Mar sin, chan eil tòrr fiosrachaidh againn idir air dìreach dè a tha a' dol a thachairt agus dè a' bhuaidh a bhios aige sin.
"Ma tha iad gus a bhith a' dèanamh obrach shìos an sin, a bheil an cidhe gus a bhith fosgailte airson bhàtaichean?
"Ach cuideachd a bheil e gus a bhith fosgailte airson daoine a bhith a' coiseachd sìos dhan chidhe agus a bhith a' dol dha na gnìomhachasan a tha air an stèidheachadh ann an sin?
"Chan eil fios againn, airson, aig an ìre seo, chan eil a' chomhairle air fiosrachadh mionaideach a thoirt seachad", thuirt Mgr Dòmhnallach.

Tha Dòmhnall Dòmhnallach a' ruith bùth leabhraichean faisg air far am bi an obair leasachaidh a' dol air adhart
Ann am brath do na meadhanan, thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh am fiosrachadh gu lèir air a bhith ri fhaighinn dhan phoball airson ùine mhath.
Thuirt iad gun robh fios aig a' chomhaire choimhearsnachd, gun robh buill ionadail air coinneamhan fiosrachaidh a chumail agus gun robh luchd-cleachdaidh agus an RNLI uile mothachail air an t-suidheachadh.
Dhearbh iad cuideachd gum biodh an obair air fad air a dhèanamh taobh a-staigh àrainn a' chidhe agus nach biodh obair a' tachairt air Sràid a' Chidhe no bacadh air carbadan air an rathad sin.
Thuirt a' chomhairle gum bi aca ri cuid de dh'aiteachan pàiridh a dhùnadh air iomall a' chidhe agus gun deach duilleagan-fiosrachaidh mun sin a chur an-àird bho chionn cola-deug.
Chaidh tagradh dhèanamh ann an 2022 airson £50m gu storas Levelling-Up Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson leasachadh tòrr nas motha a dhèanamh, ach chaidh sin a dhiùltadh.