"Cha mhòr nach canadh tu gun robh Tiriodh air dùnadh sìos"

Thuirt Iain MacAsgaill gun tug cion bàr phoblaich fad a' gheamhraidh buaidh shòisealta air a' choimhearsnachd
- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Thiriodh diombach gu bheil an dà thaigh-òsta traidiseanta aca fhathast dùinte agus seusan na turasachd gus a bhith oirnn.
Bha àm ann sa gheamhradh nuair nach robh taigh-bìdh fosgailte san eilean a bharrachd.
"Bha treis ann an sin tron gheamhradh nach robh taighean-òsta idir rim faighinn air diofar adhbharan," thuirt Iain MacAsgaill bho Chomhairle Coimhearsnachd Thiriodh.
"Bidh a' bhuile aige sin air coimhearsnachd Thiriodh.
"Bha mar nach robh bàr poblach fosgailte idir fad a' gheamhraidh a' toirt buaidh shòisealta air a' choimhearsnachd. Cha mhòr nach canadh tu gun robh Tiriodh air dùnadh sìos."

Dh'innis Mgr Mitchell gun cuir e Taigh-Òsta Scairinis air a' mhargaidh
'S ann le fear-gnothaich à Glaschu a tha an dà thaigh-òsta - Taigh-Òsta Scairinis agus an Loidse - agus e an-dràsta a' sgeadachadh an Loidse, le ro-iarrtas dealbhachaidh ann airson a leudachadh cuideachd.
Mus bi na seòmraichean deiseil, tha iad airson am bàr fhosgladh a-rithist ro dheireadh a' Mhàirt.

Tha Bradley Mitchell leis a bheil na taighean-òsta ag ràdh gu bheil e air a bhith dùbhlanach dha obair-sgeadachaidh a dhèanamh orra le mar a bha na h-aiseagan
Tha am fear-gnothaich leis a bheil na taighean-òsta, Bradley Mitchell, ag ràdh nach eil e idir air a bhith furasta dha an obair a dhèanamh air an Loidse le cho cugallach 's a bha na h-aiseagan.
"'S e dùbhlan a bh' ann am-bliadhna," thuirt e.
"Chaidh naoi aiseagan a chur dheth orm.
"Thachair e an là roimhe, bha mi a' tighinn suas an seo agus fhuair mi letheach-slighe suas an rathad 's aig an Àrchar b' fheudar tionndadh 's tilleadh a Ghlaschu."

Tha an Loidse an-dràsta ga sgeadachadh agus dùil gun tèid a leudachadh cuideachd
Tha Mgr Mitchell air innse a-niste gu bheil e an dùil an taigh-òsta ann an Scairinis a chur air a' mhargaidh.
Tha am beachd sin air misneachd a thoirt do chuid san eilean.
"Bhiomaid fada na bu thoilichte nan cumadh Mgr Mitchell aire air aon taigh-òsta 's sin fhaighinn gu dol," thuirt Mgr MacAsgaill.
"Rud às am biodh coimhearsnachd Thiriodh moiteil.
Beatha ùr do sheann Eaglais Chaluim Chille?
- Air fhoillseachadh30 An Dàmhair 2025
"Agus tha faireachdainn cùl ghnothaichean, nan deadh an taigh-òsta seo a chur air a' mhargaidh, gur e rud a dh'fhaodadh a' choimhearsnachd 's dòcha a cheannach, le daoine aig a bheil ùidh dha-rìribh anns a' choimhearsnachd, no cuideigin a tha a' fuireach san eilean, no buidheann de Thirisdich a' ruith taigh-òsta Thirisdich."
Mura faigh e duine a cheannaicheas Taigh-Òsta Scairinis, tha Mgr Mitchell air gealltainn gum bi an dà thaigh-òsta fosgailte ann an àm airson rèis Mharaton Thiriodh deireadh a' Chèitein.