Iarrtas Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig an Dùn Èideann a leasachadh

Chan eil ann ach aon bhun-sgoil Ghàidhlig ann an Dùn Èideann ach tha pàrantan ag ràdh gu bheil i ro bheag airson na tha de chloinn innte
- Air fhoillseachadh
Tha pàrantan a' cur ìmpidh air Comhairle Baile Dhùn Èideann plana a chur air dòigh airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a leasachadh.
Dh'fhosgail Bun-sgoil Taobh na Pàirce ann an 2013 - a' chiad bhun-sgoil Ghàidhlig ann an Dùn Èideann agus fhathast an aon tè a th' ann.
Tha sgoilearan air leabharlann agus seòmar-ciùil a chall le mar a tha àireamhan air fàs.
Thòisich 92 duine-cloinne air Clas a h-Aon am-bliadhna an taca ri 69 an-uiridh.
Tha dragh air pàrantan gu bheil an sgoil a-nis ro bheag.
Tha dithis chloinne aig Beathag NicLeòid innte agus tha i "ag iarraidh gum bi foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fosgailte don a h-uile duine".
Thuirt i: "Bhiodh e math nam biodh àite nas motha againn ach chan eil mi a' faicinn gun urrainn dhuinn sin a dhèanamh aig Bun-sgoil Taobh na Pàirce air sgàth chan fhàs an togalach, chan fhàs an làrach."

Bha Comhairle Dhùn Èideann air planaichean 'son aonadan ùra aig ìre na bun-sgoile agus cuideachd àrd-sgoil Ghàidhlig a thoirt air adhart ach chaidh dàil rè ùine orra ann an 2022 is cha do ghluais an gnothach bhon uairsin.
Tha Comhairle Baile Dhùn Èideann ag radh gu bheil iad air am brosnachadh gu bheil tòrr theaghlaichean a' taghadh FtMG agus gu bheil iad airson dèanamh cinnteach gum bi e soirbheachail.
Thuirt Stiùiriche an Fhoghlaim gu bheil iad a' cumail sùil air na h-àireamhan agus gu bheil pròiseas aca son dèiligeadh ri iarrtas 'son àitichean sna sgoiltean aca.
Ann am brath, thuirt Comhairle nam Pàrant gu bheil iad ag iarraidh air an ùghdarras ionadail plana a dheasachadh airson leasachadh a thoirt air FtMG.
Tha iad a' moladh gun tèid àrd-sgoil fa leth a stèidheachadh agus tha iad den bheachd gu bheil làn-thìde ann bun-sgoil ùr fhosgladh.
Thug e dòchas do phàrantan gun do stèidhich a' Chomhairle buidheann airson coimhead ri leasachadh a thoirt air FtMG.
Thuirt Beathag NicLeòid: "Tha sinn a' faicinn oidhirp mhòir aig na pàrantan agus an luchd-cùraim ged nach eil Gàidhlig aig tòrr aca aig an taigh.
"Tha iad ag ionnsachadh Gàidhlig agus tha iad deiseil is deònach Gàidhlig a chleachdadh."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 Am Màrt 2022
