Dàil eile air co-dhùnadh air FTMG an Dùn Èideann

  • Air fhoillseachadh
Comhairle Dhùn Èideann

Bidh co-dhùnadh air na tha an dàn do dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig an Dùn Èideann an urra ris an ath-chomhairle agus an ath-chomataidh foghlaim a bhios ann às dèidh nan taghaidhean ionadail anns a' Chèitein.

Choinnich Comataidh an Fhoghlaim Dimàirt gus a' chùis a dheasbad.

Bha mì-thoileachas mòr ann roimhe am measg phàrantan mu phlanaichean a bh' aig a' Chomhairle a dhol gu co-chomhairle reachdail aig deireadh an Fhaoillich.

Bhiodh a' cho-chomhairle sin air beachdan a shireadh air molaidhean gus aonadan ùra Gàidhlig a stèidheachadh aig ìre na bun-sgoile aig Prestonfield ann an ear-dheas Dhùn Èideann is aig Carrick Knowe air taobh siar a' bhaile.

A thaobh na h-àrd sgoile, bha molaidhean ann àrd-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Liberton air taobh deas a' bhaile air làrach far am biodh àrd-sgoil Bheurla cuideachd, no àrd-sgoil Ghàidhlig fa leth aig Castlebrae ann an Craigmillar.

Tha draghan air pàrantan mu na molaidhean sin is iad ag ràdh nach eil a' Chomhairle air coimhead ann an doimhneachd gu leòr air làraichean 'son àrd-sgoil ann am meadhan a' bhaile.

Bogadh

Tha dragh ann cuideachd nach fhaigheadh clann bogadh ceart sa Ghàidhlig ann an sgoil air làrach còmhla ri sgoil Bheurla.

Air a' cheann thall cha deach a' cho-chomhairle air adhart.

Aig coinneimh Dimàirt, dh'aontaich Comataidh an Fhoghlaim gum feum an gnothach a-nise fhàgail ann an làmhan na h-ath-chomhairle a bhios ann às dèidh nan taghaidhean ionadail sa Chèitean.

Thuirt Comann nam Pàrant ann an Dùn Èideann nach eil fiosrachadh gu leòr ann gluasad air adhart aig an ìre seo.

Tha iad ag ràdh gu bheil feum air soillearachadh gu sònraichte air taic-airgid.

Bha an SNP air innse sa mhanifesto aca 'son taghadh na h-Alba an-uiridh gun robh iad a' cur taic ri sgoiltean Gàidhlig fa leth is àrd-sgoil Ghàidhlig am meadhan Dhùn Èideann, ach tha pàrantan ag ràdh gu bheil mì-chinnt a' leantainn mun sin is taic-ionmhais bhon Riaghaltas 'son leasachadh sam bith a bhiodh ann.

Fiosrachadh

"Chan urrainn dhuinn taghadh a dhèanamh as aonais fiosrachadh a bhith againn", thuirt Coinneach Peutan bho Chomann nam Pàrant.

"Thuirt an Riaghaltas sa mhanifesto aca gun robh iad a' cur taic ri sgoil ann am meadhan Dhùn Eideann, sgoil leatha fhèin, ach chan eil sinn air guth a chluintinn a bheil iad a' dol a chur airgead sam bith ann, no dè an taic a tha iad a' toirt dhuinn airson sin.

"Mura h-eil iad a' dol a chur airgead sam bith ann, bidh fhios againn cà bheil sinn co-dhiù, ach tha mi a' smaointinn gum feum a' Chomhairle faighinn a-mach agus na pàrantan cuideachd a bheil iad a' dol a chur airgead sam bith ann. Dhèanadh e diofar mòr nan cuireadh iad airgead ann", thuirt e.

Thuirt Mgr Peutan gu bheil e soilleir gu bheil Comhairle Dhùn Èideann airson a dhol air adhart le sgoil Ghàidhlig ann an Liberton, ach gu foilleasach nach e sin roghainn nam pàrantan.

Dh'innis e gu bheil pàrantan deònach feitheamh.

"Chanainn gum fuirich iad cho fada 's a dh'fheumas iad. Tha mi a' smaointinn nach aontaich iad ris an taghadh ann an Liberton co-dhiù, chan eil sin freagarrach, is ma dh'fheumas iad fuireach 'son dhà, trì, ceithir no còig bliadhna eile, feumaidh iad fuireach", thuirt e.

Dh'aidich Mgr Peutan cuideachd gu bheil cunnart ann gum bi àireamhan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air an cuingleachadh ma leanas cùisean mar a tha iad.