Taic do cheanglaichean stèidhichte air Caolas na Hearadh is Caolas Bharraigh

- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle nan Eilean Siar air taic a chur ri ceanglaichean stèidhichte thairis air Caolas na Hearadh is Caolas Bharraigh, ged a tha iad a' cur an aghaidh drochaid air neo tunail gu tìr-mòr na h-Alba.
Tha seasamh an ùghdarras ionadail a' nochdadh san fhreagairt aca gu rannsachadh, taobh a-muigh a tha Comataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster a' dèanamh an-dràsta air ceanglaichean stèidhichte do dh'eileanan.
Tha freagairt CnES ag ràdh gu bheil iad den bheachd gu bheil e deatamach dhan sgìre gun tèid ceanglaichean còmhdhail eadar na h-eileanan a leasachadh, is gu bheil iad gu seo air adhartas mòr a dhèanamh le ceanglaichean stèidhichte gu ruige Scalpaigh, Beàrnaraigh is Èirisgeigh.
'S e Caolas na Hearadh is Caolas Bharraigh na beàrnan mu dheireadh a tha air fhàgail, tha iad ag ràdh.
Thuirt an t-ùghdarras ionadail gum biodh sreath fada de bhuannachdan an cois cheanglaichean stèidhichte, nam measg:
ùine siubhail a ghiorrachadh
ceanglaichean còmhdhail nas cinntiche is nas earbsaiche
ceanglaichean bathair is ceanglaichean gu margaidh a leasachadh
ceanglaichean culturail is sòisealta a neartachadh
turasachd a leasachadh
cothrom nas fheàrr air goireasan slàinte is cùraim, is air foghlam is cosnaidhean
buannachdan dhan àrainneachd
Tha CnES ag ràdh gu bheil sgrùdadh air sealltainn gun cosgadh ceangal stèidhichte air Caolas na Hearadh eadar £109.6m is £145.1m.
Chosgadh e £135m a bharrachd bun-structar cumhachd ath-nuadhachail a chur ris - ach bhiodh cothroman airgead nach beag fhaighinn air ais san ùine fhada tro dhealan a reic dhan ghriod.
Dh'fheumadh na cosgaisean seo a chothromachadh an aghaidh na tha e a' cosg gus seirbheisean aiseig a chumail a' dol, thuirt iad.
Thuirt an t-ùgharras ionadail gum biodh iad airson co-chomhairleachadh mun chùis aig ìre na coimhearsnachd a dhealbh còmhla ri Còmhdhail Alba.
Diofar bheachdan mu cheanglaichean stèidhichte airson eileanan
- Air fhoillseachadh21 Am Faoilleach 2022
Ceanglaichean stèidhichte gan deasbad aig Holyrood
- Air fhoillseachadh26 Am Faoilleach 2023
Chan eil taic a' nochdadh san fhreagairt airson drochaid air neo tunail gu tìr-mòr na h-Alba.
Tha CnES ag ràdh gu bheil trioblaidean le seirbheisean aiseig is adhair an-dràsta a' toirt droch bhuaidh air na h-Eileanan an Iar.
Tha iad ag ràdh ge-tà, gun gabhadh na trioblaidean seo a chur ceart le seirbheisean aiseig a tha aig ìre, còmhla ri seirbheisean adhair nas fheàrr agus faraidhean nas ìsle.
Thèid iarraidh a-nise air comhairlichean air Comataidh na Còmhdhail is a' Bhun-structair taic a chur ri freagairt na comhairle aig coinneimh Diciadain seo tighinn.