Seirbheis-adhair còig là san amharc eadar Beinn na Faoghla is Steòrnabhagh

Plèana Hebridean Air Services
  • Air fhoillseachadh

Cluinnidh comhairlichean anns na h-Eileanan an Iar an-diugh gu bheilear a-nise a' gluasad a dh'ionnsaigh seirbheis-adhair còig là san t-seachdain eadar Beinn na Faoghla is Steòrnabhagh.

Tha aithisg a tha a' dol air beulaibh Comataidh na Còmhdhail, taobh a-muigh ag ràdh gu bheil maoineachadh ann gus an t-seirbheis a leudachadh bho thrì là gu còig is gu bheil obair a' dol airson nan làithean a bharrachd a chur a-mach gu tairgse.

Thòisich a' chompanaidh Hebridean Air Services cùmhnant PSO ceithir bliadhna air an t-slighe ann an 2024.

Bidh seirbheisean aca air ais agus air adhart dà thuras san là Diluain, Dimàirt is Dihaoine.

Tha an aithisg ùr ag ràdh gun robh miann aig Comhairle nan Eilean Siar bho chionn fhada airson an t-seirbheis a leudachadh gu còig là san t-seachdain is gu bheil maoineachadh a-nise ann bho Riaghaltas na h-Alba.

Thathar ag ràdh gum bi feum air pròiseas tairgse airson seirbheisean ùra Diciadain is Dihaoine is gu bheil oifigich na comhairle ag obair air sin an-dràsta.

Tha an aithisg cuideachd a' toirt iomradh air planaichean gus itealan Tecnam P2012 a chur air an t-slighe an àite am Britten Norman Islander a th' ann an-dràsta.

Tha gearanan air a bhith ann nach eil am Britten Norman Islander mòr gu leòr is nach eil i a' freagairt air luchd-siubhail, mòran a tha a' siubhal airson cùram meidigeach fhaighinn.

Tha an Tecnam beagan nas motha is e cuideachd ga mheas nas goireasaiche do luchd-siubhail.

Rinneadh deuchainnean leis an itealan ùr an-uiridh is fhuaireadh maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba airson a chur an sàs.

Tha an aithisg ag innse gun deach dàil air gnothaichean air diofar adhbharan, ach gu bheil dùil a-nise gum bi Hebridean Air Services a' cleachdadh an Tecnam P2012 air an t-slighe ro dheireadh na mìos seo.

Cluinnidh comhairlichean cuideachd nach deach 25% de sheirbheisean Hebridean Air Services eadar Beinn na Faoghla is Steòrnabhagh a choileanadh eadar an Giblean 2024 is an Gearran 2026.

'S e an aimsir (16.1%), trioblaidean teicnigeach (5.3%), gnothaichean aig na companaidhean a tha a' ruith na seirbheis (2.4%) agus gnothaichean connaidh (1.2%) a bu choireach airson seirbheisean nach deach a choileanadh.

A thuilleadh air seirbheisean adhair, bidh Comataidh na Còmhdhail cuideachd a' beachdachadh às ùr air ceanglaichean stèidhichte.

Thèid iarraidh air comhairlichean cead a thoirt do cho-obrachadh le Còmdhail Alba a thaobh co-chomhairleachadh phoblach a dhèanamh mu cheanglaichean stèidhichte thairis air Caolas na Hearadh is Caolas Bharraigh, is eadar na h-eileanan is tìr-mòr.

Mhol Plana Nàiseanta ùr nan Eilean air a' mhìos seo chaidh gum bu chòir "sgrùdadh mionaideach" a dhèanamh air molaidhean gus ceanglaichean a chur tarsainn air Caolas Bharraigh is Caolas na Hearadh, a thuilleadh air eadar Muile is tìr-mòr.

'S e moladh a tha seo a tha air nochdadh ann am planaichean eile aig Còmhdhail Alba anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

Ann am freagairt gu rannsachadh aig Comataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster san Fhaoilleach, chuir Comhairle nan Eilean Siar fhèin taic ri ceanglaichean stèidhichte thairis air Caolas na Hearadh is Caolas Bharraigh, ged a chuir iad an aghaidh drochaid air neo tunail gu tìr-mòr na h-Alba.