Plana Nàiseanta ùr nan Eilean ga fhoillseachadh

- Air fhoillseachadh
Tha tuilleadh dhachannan air prìs reusanta agus cothrom nas fheàrr air cùram-chloinne am measg cheumanan ùra a tha Riaghaltas na h-Alba air foillseachadh airson coimhearsnachdan eileanach a chuideachadh.
A thuilleadh air an sin, tha gealltanas gun tèid coimhead ri drochaidean agus tunailean a thogail an lùib Plana Nàiseanta ùr nan Eilean.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun coilean am plana targaidean tarsainn air farsainneachd de chuspairean eadar slàinte, taigheadas agus ceangalachd.
A' cur a' phoileasaidh air bhog ann an Arcaibh is Sealtainn, thuirt am Prìomh Mhinistear, John Swinney, gur e ro-innleachd phractaigeach a th' ann, stèidhichte air iarrtasan on phoball.
Dhearbh ministearan gun d' fhuair ath-sgrùdadh air a' phlana nàiseanta a bh' ann roimhe airson eileanan gun robh dùbhlain nach beag a' leantainn, ged a chaidh na h-uimhir de dh'adhartas a dhèanamh.
Dìth chosg maoin taigheadais "sgainnealach"
- Air fhoillseachadh10 An Dàmhair 2023
Fàilte mhòr air taighean ùra Ratharsair
- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean
Barrachd thaighean sna h-eileanan gan ceannach le airgead ullamh an taca ri tìr-mòr
- Air fhoillseachadh29 An Lùnastal 2024
Am measg a' phlana ùir tha oidhirpean gus teicneòlas air astar a chleachdadh airson dearbhadh thinneasan a leasachadh, agus cuideachadh mu choinneimh chosgaisean nas àirde bith-beò a th' air daoine a tha a' fuireach ann an sgìrean eileanach.
Tha brosnachadh chànanan nan sgìrean eileanach - a' Ghàidhlig, dual-chainnt Arcaibh is dual-chainnt Shealtainn - cuideachd an lùib a' phlana, a thuilleadh air sgeama sgoilearachd do dh'oileanaich iar-cheumnach eileanach.
"'S e beartas cudromach nàiseanta a th' ann an coimhearsnachdan eileanach, agus tha iad aig cridhe ar cuid lèirsinn a thaobh soirbheachas na h-Alba mar dhùthaich anns am bi sinn beò, ag obair 's ag ionnsachadh," thuirt Mgr Swinney.
"Tha eileanaich air innse dhuinn gu soilleir na dh'fheumas iad airson an cuid amasan a choileanadh: dachannan a ghabhas ceannach, còmhdhail anns an cuir iad earbsa, agus seirbheisean ionadail a tha nas fhasa faighinn thuca - bheir am plana seo seachad do na coimhearsnachdan eileanach againn."