Fàilte mhòr air taighean ùra Ratharsair

- Air fhoillseachadh
Tha fàilte mhòr a' dol air sia taighean ùra ann an Ratharsair is cuirm air a bhith ann a' comharrachadh gu bheil iad a-nise rim faotainn air màl reusanta.
'S e co-obrachadh eadar diofar bhuidhnean - nam measg Buidheann Taigheadais Loch Aillse 's an Eilein Sgitheanaich agus Urras Leasachaidh Ratharsair - a thug am pròiseact gu buil.
B' e seo an dàrna earrann de phròiseact a chunnaic còig taighean eile gan toirt seachad a' bhòn-uiridh.
"Seo sia taighean air an robh sinn feumach ann an Ratharsair fad bhliadhnaichean," thuirt an Comh Chrissie Nic'IllÌosa, a tha na cathraiche air an Urras.
"Tha sinn air leth taingeil gu bheil na taighean a-niste ann agus gu bheil daoine a' fuireach ann cuideachd.

Thuirt an Comhairliche Chrissie Nic'IllÌosa gun do chuir na dachaighean ùra ri seasmhachd na coimhearsnachd mar-thà
Tha na taighean ùra a bhith ann air diofar mòr a dhèanamh mar thà, agus Ratharsair leis na h-aon trioblaidean 's a tha gu leòr sgìrean eile air Ghàidhealtachd le cion-taigheadais, ged a tha gu leòr thaighean mun cuairt.
"'S e ceum fìor mhòr a tha seo dhuinne," thuirt an Comh NicIllÌosa.
Chaidh na taighean a thogail le amas air trì diofar sheòrsaichean daoine:
daoine a tha ag obair san sgìre 's a' feuchainn ri dachaigh fhaighinn
teaghlaichean a tha feumach air taighean beagan nas motha
daoine a tha feumach air taighean a tha air ìre na talmhainn
"Tha seo a' ciallachadh gu bheil àite sàbhailte agus blàth aig daoine air a bheil feum," thuirt Ms NicIllÌosa.
1 de 3
"Seo aon de na dòighean a tha sinn a' feuchainn ri dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig na daoine a tha a' fuireach agus ag obair san sgìre againne.
"Mar sin tha e a' ciallachadh cuideachd gu bheil clann san sgoil, gu bheil daoine ann a thaobh chothroman obrach ceangailte ri foghlam 's tòrr diofar obraichean a tha san sgìre".
Thàinig pairt den mhaoineachadh bho Mhaoin nan Taighean Duthchail aig Riaghaltas na h-Alba.
Bha an Leas Priomh Mhinistear agus ball-parlamaid na sgire, Ceit Fhoirbheis, aig a' chuirm Dihaoine.
Thuirt i: "Tha seo a' sealltainn cho cudromach 's a tha taigheadas ach cuideachd an cothrom a tha ann le maoineachadh bhon riaghaltas agus le taic bhon choimhearsnachd."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2015
- Air fhoillseachadh31 An Dàmhair 2025



