Dìth chosg maoin taigheadais "sgainnealach"

Taighean ann an SteòrnabhaghTùs an deilbh, GETTY IMAGES
  • Air fhoillseachadh

Thuirt luchd-iomairt gur e sgainneal a th' ann am mar a dh'fhailich air Riaghaltas na h-Alba airgead a chaidh a chomharrachadh airson taigheadas air prìs reusanta air an tuath a chosg.

Chaidh £30m a chomharrachadh fo Mhaoin Taigheadais nan Sgìrean Dùthchail is Eileanach.

Ach fhuair iarrtas a rinn BBC Disclosure fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh nach deach ach dàrna leth na maoine a bh' air a comharrachadh airson tìr-mòr a chosg.

Chaidh cha mhòr £4m a bharrachd na bu chòir a chosg air taigheadas anns na h-eileanan.

An t-ÒbTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Cha deach taigheadas sòisealta a thogail san t-Òb airson còrr agus 50 bliadhna

Bha dùil gun tigeadh a' mhaoin gu ceann ann na 2021, ach chaidh a leudachadh.

A dh'aindeoin 's na chaidh a chosg sna h-eileanan, tha muintir an àite ag ràdh gu bheil barrachd a dhìth fhathast.

Thuirt Catriona NicIllFhinnein, às an t-Òb an ceann a deas na Hearadh: "Cha deach taigh sòisealta, no taigh air prìs reusanta sam bith a thogail an seo bho dheireadh nan 1950an.

"Saoilidh mise anns an là a th' ann nuair a tha na milleanan Notaichean rim faighinn airson taigheadais air prìs reusanta gur e sgainneal a tha sin.

"Tha talamh anns an t-Òb ri fhaighinn airson taigheadais, ach cha d' fhuair sinne ach leisgeul an dèidh leisgeil, nach gabhadh taighean togail an seo," thuirt i.

"A' mùchadh beatha an àite"

Tha a' Bh-P. NicIllFhinnein ag ràdh gu bheil gu leòr sgìrean beaga dùthchail anns an dearbh shuidheachadh 's a tha iadsan.

"'S e an duilgheadas a th' againne sna h-Eileanan Siar, na tha de thaighean gan togail ann an Steòrnabhagh.

"Tha fada cus thaighean a' dol suas an sin an taca ris a' ghlè bheag a tha gan togail ann an sgìrean eile.

"Ma chumas sinn a' dol sìos an rathad sin, tha cho math dhut iarraidh air an duine mu dheireadh a dh'fhàgas an solas a chur dheth nan dèidh.

"Cha bhi ann ach baile shaor-làithean, no àite do dhaoine a th' air an dreuchdan a leigeil seachad. 'S ann a tha e a' mùchadh beatha an àite," thuirt i.

Thuirt labhraiche às leth Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad air taic a thoirt do chòrr air 10,000 dachaigh air prìs reusanta air feadh sgìrean eileanach agus dùthchail, agus gu bheil iad a' gealltainn 110,000 a bharrachd ri 2032.