Naidheachdan 11:00m

Andrew Mountbatten-Windsor

Tha feadhainn le eòlas air a' chùis air innse dhan BhBC gur ann às an sporran phoblach a thàinig an t-airgead a phàigh airson na massages agus cosgaisean siubhail anabarrach aig Andrew Mountbatten-Windsor fhad 's a bha e na thosgaire malairt. Chan eil na casaidean, a tha a' tighinn bho sheirbheisich chatharra a th' air an dreuchdan a leigeil dhiubh, idir ag ràdh gun do rinn e dad mì-laghail sna 10 bliadhna a bha e ris an obair. Tha na Libearalaich Dheamocratach a' dèanamh deiseil airson deasbad a ghluasad air Mgr Mountbatten-Windsor ann an Taigh nan Cumantan.

Tubaist

Bhàsaich fireannach agus deugaire ann an tubaist-rathaid faisg air a' Ghearasdan air an deireadh-sheachdain. Thachair an tubaist air an A830 faisg air a' Chorpaich mu 01:45m Disathairne. Chaidh fios a leigeil gu na seirbheisean èiginn gun robh càr Vauxhaul Astra liath na theine air oighreachd ghnìomhachais Bhlàr na h-Annaid. Cha deach aithneachadh oifigeil a dhèanamh fhathast ach chaidh fios a leigeil gu na teaghlaichean aig fear aois 42 agus gille aois 16 bliadhna.

Fòirneart Sgoile

Dh'fhuiling còrr is cairteal de thidsearan ann an Siorrachd Obar Dheathain ionnsaighean corporra bho chloinn-sgoile anns a' bhliadhna a dh'fhalbh. Fhuair rannsachadh a rinn an EIS cuideachd gu bheil barrachd air an treas cuid de luchd-teagaisg a' faicinn ainneirt anns na h-àiteachan-obrach aca gach là. Tha seo a dh'aindeoin 's gun deach plana-gnìomha a thoirt a-steach o chionn dà bhliadhna airson smachd fhaighinn air fòirneart agus mì-mhodh ann an sgoiltean a' bhaile.

Neapàl

Thuirt poilis ann an Neapàl gu bheil fear aois 24 bliadhna à Breatainn am measg nam marbh às dèidh tubaist-rathaid ann am meadhan na dùthcha. Bhàsaich 19 duine nuair a chaidh bus-turasachd ri bearradh air an rathad gu Kathmandu. Thuirt oifigearan gun deach 25 duine a ghoirteachadh san tubaist.

Cill Fhinn

Agus thuirt Uisge na h-Alba gu bheil iad an dòchas gum bi fiosrachadh gu leòr aca a dh'aithghearr airson co-dhùnadh a dhèanamh mu chuingealachaidhean uisge ann an Cill Fhinn. Chaidh innse do mhuinntir an àite gun a bhith ag òl uisge an tapa às dèidh mar a chaidh Abhainn Dochairt agus an uair sin Abhainn Tatha a thruailleadh le dìosal. Tha a' chompanaidh air timcheall air 40,000 botal uisge a sgaoileadh gu muinntir an àite bho Dhihaoine seo chaidh.