Barrachd thaighean sna h-eileanan gan ceannach le airgead ullamh an taca ri tìr-mòr

- Air fhoillseachadh
Tha Clàraidhean na h-Alba a' sealltainn gun tàinig àrdachadh air prìsean thaighean sna h-eileanan aig àm Chovid agus às dèidh a' phandemic.
Tha na tha de thaighean a chaidh a cheannach le airgead ullamh sa chuid as motha de dh'eileanan na h-Alba air a dhol suas an coimeas ris a' chòrr den dùthaich, a rèir nan àireamhan as ùire.
Chosg e £182,000 sa chumantas taigh a cheannach sna sgìrean eileanach ann an 2023 an taca ri £185,000, a' phrìs chumanta an Alba air fad.
Bha eadar-dhealachadh mòr ann eadar na diofar sgìrean eileanach; b' e £135,000 a' phrìs chuibheasach ann an Sealtainn agus ann an eileanan na Gàidhealtachd b' e £249, 000.

Sa chumantas, cosgaidh e barrachd taigh a cheannach san Eilean Sgitheanach an taca ri sgìrean eileanach eile
'S ann san Eilean Sgitheanach as cosgaile a tha taigheadas sa cheann a tuath air fad.
Cosgaidh e beagan nas lugha na £250,000 sa chumantas taigh a cheannach ann - còrr agus an treas cuid nas àirde na chosgas taigh sa chumantas gu nàiseanta.
Thàinig àrdachadh nas motha air prìsean thaighean sna h-eileanan sna còig bliadhna a dh'fhalbh an taca ri tìr-mòr, le àrdachadh 30% sna h-eileanan agus 23% sa chòrr de dh'Alba.
Ged a tha prìsean air a dhol an-àirde, tha barrachd dhaoine a' ceannach thaighean sna h-eileanan le airgead ullamh seach le morgaids - 57% - an coimeas ri 37% air tìr-mòr.
Tha eileanaich air draghan a nochdadh gu bheil mar a tha prìsean air èirigh a' fàgail nach urrainn do dhaoine taigh a cheannach sa sgìre dham buin iad.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na h-àireamhan as ùire an seo., taobh a-muigh