Còrr is £4m do thogalach Fàs aig Sabhal Mòr Ostaig

- Air fhoillseachadh
Gheibh Sabhal Mòr Ostaig còrr air £4m bho Riaghaltas na h-Alba airson aon de na togalaichean aca fhosgladh às ùr.
Chan eil togalach Fàs air a bhith air a chleachdadh o 2022.
Bha sgoil-araich Fàs Mòr an sin agus goireasan telebhisein airson cùrsa meadhanan na colaiste agus rudan eile stèidhichte san t-seann togalach.
Thèid ionad ùr airson Cruthachas Gàidhlig a chur air bhonn a thuilleadh air stiùideo meadhanan airson trèanaidh craolaidh, sgoil-àraich Gàidhlig Fàs Mòr agus rùm do thachartasan coimhearsnachd agus do ghnothachasan.
Tha dùil gun toir an leasachadh cothrom do SMO a bhith a' neartachadh an comas a thaobh cùrsaichean a lìbhrigeadh agus gus rannsachadh Gàidhlig a ghabhail os làimh.
Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim Jenny Gilruth gu bheil an togalach aig cridhe an t-Sahbail Mhòir.
"Bheir an obair leasachaidh cothrom don cholaiste an taic a tha iad a' toirt don Ghàidhlig a leudachadh anns an Eilean Sgitheanach, ann an Alba agus nas fhaide air falbh na sin. Tha an togalach air a bhith bàn fada ro fhada agus bheir am maoineachadh seo air ais e mar mheadhan air foghlaim, cultar agus cruthachas don chànan agus dha na coimhearsnachdan a tha cur luach air," thuirt Ms Gilruth.
Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, an Dtr Gillian Rothach gu bheil a bhith ag ath-nuadhachadh Fàs a' cur ris an obair aca ann a bhith leudachadh agus ag ùrachadh a' churraicealaim, na cothromana aca air ionnsachadh didsiteach, obair rannsachaidh agus an obair aca leis a' choimhearsnachd.
Thuirt an Dtr Rothach: "Tha Gàidhlig airidh air àiteachan a tha ag obrachadh gu h-innleachdach agus tha an t-airgeadh seo a' ciallachadh gun urrainn dhuinn cumail a' dol leis an sin dha na h-oileanaich againn, don choimhearsnachd ionadail agus do dh' Alba air fad.
Chaidh togalach Fàs fhosgladh gu h-oifigeil an toiseach ann an 2008 agus chosg e £8m.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An Gearran 2025

- Air fhoillseachadh22 An t-Sultain 2023
