--------------- --------------- ---------------
Tuilleadh bhon BhBC --------------- Cànain |
Togalach ùr ga fhosgladh aig Sabhal Mòr Ostaig | ||||||||||||||||||||||
Chaidh togalach ùr aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach fhosgladh leis a' Phriomh Mhinistear, Ailig Salmond, Dihaoine. Chosg an t-ionad airson gnìomhachasan cruthachail is cultarach air a bheil an t-ainm Fàs £8m. A' fosgladh an togalaich rinn Mghr Salmond moladh mòr air 's e ag ràdh gur e fìor dheagh àrainneachd a th' ann airson obair chruthachail. Tha stiùideothan telebhisein agus rèidio, seòmraichean co-labhairt, goireasan ciùil agus ealain, agus an sgoil-àraich Ghàidhlig Fàs Mòr uile an cois an ionaid. Bidh neach-ciuil, sgrìobhadair agus neach-ealain na Colaiste, a bharrachd air gnìomhachasan Gàidhlig eile leithid Cànan, cuideachd stèidhichte san togalach. "Brosnachail" “Tha fosgladh Fàs a' comharrachadh na h-ath cheum air turas brosnachail ùr do Shabhal Mòr agus don Ghàidhlig" thuirt Stiùiriche na Colaiste, An t-Ollamh Tormod MacGilliosa. "'S e àm brosnachail is dùbhlanach a tha seo ann an eachdraidh na Gàidhlig, agus Sianal Didseatach Gàidhlig an impis tòiseachadh, agus tha sinn làn dòchais gun cuir Fàs gu mòr ri roinn nam meadhanan ùra." Bha Riaghaltas na h-Alba, Comhairle na Gàidhealtachd agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE), a measg nam buidhnean a mhaoinich am pròiseact. Thuirt Cathraiche HIE, Uilleam Roe, gun tug e toileachas dhaibh a bhith a' toirt taic do "phròiseact a tha cho deatamach dhan Eilean Sgitheanach, an dà chuid a thaobh cultair is eaconamaidh" Dh'ainmich am Priomh Mhinistear cuideachd gun deadh £260,000 de thaic iomhais a bharrachd a thoirt don ionad. Thèid £200,000 dheth a chosg air tèicneòlas son telebhisean didsiteach a chruthachadh a cheannach. Bithear a' cosg an £60,000 eile air faclair eachdraidheil Gàidhlig a chruthachadh. | CEANGALAICHEAN IONADAIL Dràma a dhìth air an t-seirbheis dhidseataich09 An Giblean, 2008 | Naidheachdan Stiùiriche SMO a' leigeal dheth a dhreuchd29 An Gearran, 2008 | Naidheachdan Duais-airgid don t-Sabhal Mhòr25 Am Faoilleach, 2008 | Naidheachdan Leasachadh mòr san amharc do dh'fhoghlam Ghàidhlig20 An Dùbhlachd, 2007 | Naidheachdan Ceanglaichean eile Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile | ||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||