BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
»Turn ON
Cuir AIR
»What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
Ùraichte air: 09 An Giblean, 2008 - Air fhoillseachadh aig 11:10 BST
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh
Dràma a dhìth air an t-seirbheis dhidseataich
Sgioba Father Ted (Dealbh le Channel 4)
Rinn Mgr Esselmont moladh air prògraman leithid Father Ted
Bu choir beachdachadh air prògram dràma no siadann leantainneach a chraoladh air an t-seirbheis dhidseataich Ghàidhlig (GDS) ùir.

Seo a rèir Ceannard Phrògraman Seirbheisean nam Meadhanan Ghàidhlig (GMS), Ailean Esslemont.

Thuirt e gun robh luchd-amhairc òg ag iarraidh prògramam spòrsail agus èibhinn.

Thug Mgr Esslemont rabhadh seachad nach eil an t-ionmhas ann an-dràsta airson sreath fhada dràma.

Ann an cuairt-litir GhMS, thuirt Mgr Esselmont, nach eil e furasta a bhith a' sgrìobhadh comadaidh ann an Gàidhlig no ann am Beurla, agus gu bheil greis air a bhith ann bhon a bho prògram cho soirbheachail ri leithid Friends no Father Ted air an telebhisean.

"Airson gum bidh stèisean mar seo soirbheachail, feumaidh siabann, no sreath fhada dràma a bhith ann." thuirt e.

"Chan eil an t-airgead againn an-dràsta airson sreath fhada dràma ach feumaidh sinn tòiseachadh air smaointean a leasachadh agus, aig an aon àm, falbh a-mach a shireadh cnap mòr airgid am badeigin ."

Treànadh

"Cha tachair e a-màireach, ach tha mi cinnteach gun gabh e a dhèanamh."

Thug Urras a' BhBC ceud airson an t-seirbheis dhideastach Ghàidhlig san Fhaoilleach, agus thèid a ruith ann an compàirteachas eadar am BBC agus SMG.

Na lùib bidh seirbheisean telebhisean, air loidhne agus rèdio.

Thèid fhaotainn an toiseach air càbal, saideal agus air a' bhann leathann.

Nì Urras a' BhBC sgrùdadh mus tèid a chur air Freeview.

Fosglaidh ionad-trèanaidh telebhisean ùr san Eilean Sgitheannach Dihaoine.

Tha SMG an sàs sa phròiseact ann an co bhann le Sabhal Mòr Ostaig

Gheibh daoine an treànadh ann ann an obair camera, solais, fuaim, sgrìobhadh, gearradh agus sgilean eile.

CEANGALAICHEAN IONADAIL
Ceannard don t-seirbheis dhidseataich ùir
04 An Gearran, 2008 | Naidheachdan
Aonta mun t-seirbheis dhidseatach Ghàidhlig
28 Am Faoilleach, 2008 | Naidheachdan
Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy