--------------- --------------- ---------------
Tuilleadh bhon BhBC --------------- Cànain |
Ceannard don t-seirbheis dhidseataich ùir | ||||||||||||||||||||||
Chaidh Mairead Màiri Mhoireach ainmeachadh mar cheannard sheirbheis air an t-sianal ùr didseatach. Tha seo an-dèidh do dh'Urras a' BhBC aontachadh a dhol an-sàs san t-seirbheis - a thèid a ruith mar chom-pàirteachas eadar am BBC agus Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (SMG) - air an t-seachdain seo chaidh. Tha Ms Mhoireach an-dràsta os cionn Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC, agus 's ann aice a bhios làn-smachd deasachaidh air an t-seirbheis, Tha sin a' ciallachadh gu feum i cuid dhen uallach aice mar cheannard sheirbheis Ghàidhlig a' BhBC a leigeil seachad. Ged 's i fhathast ceannard na roinne air Craoladh nan Gàidheal, thèid Àrd-Neach-Deasachaidh ùr ainmeachadh dhan BhBC a dh'aithghearr air am bi uallach prògraman a chur air adhart as leth a' chraoladair. Leis mar a tha an t-seirbheis dhidseatach ùr ga ruith eadar SMG agus am BBC, cha bhi duine ag obair dhan t-seirbheis ùir, ann an seadh. Bidh iad ag obair an dàrna cuid dhan a' BhBC neo do SMG. "Air leth toilichte" "Tha mi air leth toilichte a bhith a' gabhail na dreuchd cudromaich a tha seo ann an leasachadh na Seirbheis Didseataich Gàidhlig," Thuirt Ms Mhoireach ann am brath-naidheachd. Tha mi air a bhith ag obair gu dlùth le SMG air na tagraidhean co-phàirteach a chaidh a chur do dh' Urras a' BhBC." Tha mi a-nise a' coimhead air adhart ri bhith a' togail air a' chàirdeas a tha sin gus seribheis a thoirt seachad a bhios na buannachd do luchd-èisteachd aig a bheil agus nach eil Gàidhlig." Chuir Àrd-Stiùriche SMG, Dòmhnall Caimbeul, agus ceannard BhBC Alba, Coinneach MacGuaire fàilte air an naidheachd. Mhìnich Mgr MacGuaire gun robh Mairead Màiri Mhoireach air leth freagarach airson na h-obrach 's i air a bhith an-sàs ann an craoladh Gàidhlig airson iomadach bliadhna. Tha Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (SMG) mu thràth air Ailean Esslemont fhastadh mar cheannard phrògraman na seirbheis. Tòisichidh Ms Mhoireach san dreuchd sa bhad. | CEANGALAICHEAN IONADAIL Aonta mun t-seirbheis dhidseataich 28 Am Faoilleach, 2008 | Naidheachdan Ceanglaichean eile Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile | ||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||