BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
»Turn ON
Cuir AIR
»What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
Ùraichte air: 28 Am Faoilleach, 2008 - Air fhoillseachadh aig 13:13 GMT
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh
Aonta mun t-seirbheis dhidseataich
Làrach-lìn BhBC Alba
Bidh telebhisean, air-loidhne agus rèidio an cois na seribheis ùir
Chaidh innse an-diugh (24/01/2008) gun tèid am BBC an sàs anns an t-Seirbheis Dhidseataich Ghàidhlig.

Na cois bi sianal ùr telebhisein sa chànan.

Bidh an t-seirbheis ùr ga ruith mar chom-pàirteachas eadar am BBC agus Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (SMG).

Thèid fhaotainn air càbal, saideil agus air a' bhann leathainn ach cha tèid air Freeview aig an ìre seo.

"Tha an Urras air aontachadh gun tèid an t-seirbheis air adhart, ach le cùmhnantan sònraichte agus le atharrachaidhean bhon a' chiad phlanaichean," Thuirt Urrasair Nàiseanta na h-Alba, Jeremy Peat.

"Tha an t-Urras den bheachd gu bheil luach poblach san t-seirbheis a bhios a' buntainn do chultar an dà chuid luchd-labhairt na Gàidhlig agus Alba gu lèir."

Deagh naidheachd

Chuir am BBC agus SMG fàilte air an naidheachd.

"Tha sinn a' cur fàilte air co-dhùnadh an Urrais," thuirt Cathraiche SMG, Niall Friseal.

"'S e ceum cudromach a tha seo do chraoladh Gàidhlig agus 's urrainn dhuinn leantainn oirrn ann an co-bhanntachd leis a' BhBC le ar cuid deasachaidhean don t-seirbheis thelebhisein ùir do mhuinntir na h-Alba"

"Tha mi air leth toilichte gun tug an t-Urras aonta seachad don t-seirbheis. Tha BBC Alba a' coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig gu bhith a' toirt seirbheis ionmhalta seachad," thuirt Stiùiriche BhBC Alba, Coinneach MacGuaire.

"Bheir an t-seirbheis dhidseatach Ghàidhlig prògraman agus goireasan seachad a bhios tarraingeach do luchd-labhairt agus do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus dhan fheadhainn aig a bheil ùidh sa chànan."

Bha Bòrd na Gàidhlig agus am Ball-Pàrlamaid airson nan Eilean Siar am measg an fheadhainn eile a rinn toileachas ris a' naidheachd.

 'S e ceum cudromach a tha seo do chraoladh Gàidhlig
Cathraiche SMG, Niall Friseal

"Tha sinn air a bhith a' feitheamh airson sianal Ghàidhlig airson ùine mhòir agus tha sin a' ciallachadh gur e ceum mòr a tha seo," thuirt am Aonghas Brianan MacNèill BP.

Rannsachadh Poblach

Tha dùil aig an Urras rannsachadh poblach eile a chumail mus atharraich ceann a tuath agus meadhan Alba gu telebhisean didseatach ann an 2010 agus 2011.

Nì seo measadh air cho soirbheachail 's a tha an t-sianal a thaobh a bhith a' tàladh luchd-amharc, agus cuideachd sgrùdadh air dòighean-obrach a' BhBC agus SMG.

Cuideachd, nì e beachdachadh am bu choir an t-seanal a chuir air Freeview.

An t-Iarrtas

Chuir am BBC agus SMG iarrtas a-steach chun an Urrais anns An Iuchar 2007, a' moladh seirbheis ùr chraolaidh agus air-loidhne.

Na cois, bhathas a' moladh gum biodh sianal telebhisein Ghàidhlig ann a bhiodh a' craoladh airson suas ri seachd uairean a thìde san latha, seirbheisean BBC Radio nan Gàidheal agus gun deadh seirbheisean Gàidhlig air-loidhne a leudachadh.

 Bheir an t-seibheis dhidseatach seachad prògramman agus goireasan a bhios tarraingeach
Stiùirche BBC Alba, Coinneach MacGuaire

Bhathas a' moladh gum biodh iomadh seòrsa prògram ri fhaotainn - seirbheisean naidheachd agus aimsir anns a' Ghàidhlig nam measg.

Thog an t-Urras teagamhan mun t-seribheis nuair a rinn iad measadh an-uiridh.

Thuirt iad nach b' urrainn dhaibh airgead a bharrachd a chuir ris aig an ìre sin, seach nach robh dearbhadh aca gum biodh e gu buannachd muinntir na h-Alba anns an fharsaingeachd.

Ach, tha na teagamhan a tha sin a nis air an rèiteachadh chun na h-ìre agus gu bheil iad riaraichte a leithid a cheadachadh.

Feumar cuideachd aontaidhean sònraichte fhaighinn mus tèid an sianal air an aer, nam measg cead bho Rùnaire na Stàite airson Cultar, na Meadhanan & Spòrs a thaobh maoineachaidh agus aonta bho luchd ionmhais a' BhBC gu bheil an com-pàirteachas eadar an da bhuidhean dìonach.

Feumar sianal fhaighinn bhon chompanaidh Sky cuideachd.

Cosgaisean

Cosgaidh an seribheis £20.8m gu lèir gach bliadhna.

Thig £10.1m bho SMG agus £10.7m bhon BhBC.

Bhon £10.7m thig £7.2m a chaidh a shònrachadh mar-thà do sheirbheisean Gàidhlig, agus bidh £2.5m ann do phrògraman ùra agus mu £1m son chosgaisean rianachd.

Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy