--------------- --------------- ---------------
Tuilleadh bhon BhBC --------------- Cànain |
Aonta mun t-seirbheis dhidseatach Ghàidhlig | ||||||||||||||||||||||
Chuir Urras a' BhBC taic ri planaichean airson an t-seirbheis dhidseatach Ghàidhlig a ruith ann an com-pàirteachas le Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Bidh sianal telebhisein Ghàidhlig ùr na phàirt dhen t-seirbheis. Bidh i ri fhaighinn air càbal, saideil agus air a' bhann leathainn ach cha tèid a cur air Freeview aig an ìre seo. Tha dùil gum bi rannsachadh poblach eile ann mus tèid Ceann a Tuath agus meadhan na h-Alba a ghluasad gu telebhisean didseatach ann an 2010 agus 2011. Measadh Poblach Nì seo measadh air dè cho soirbheachail 's a tha an t-sianal air a bhith a thaobh a bhith a' tàladh luchd-amharc, agus cuideachd nithear sgrùdadh air dòighean-obrach a' BhBC agus Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Thèid beachdachadh an uair sin air an t-seirbheis a chraoladh air Freeview. Rinnear co-dhùnadh gum bi prògraman Gàidhlig fhathast rim faotainn air BBC 2 Alba anns an eadar-ama. Chuir am BBC agus GMS iarrtas a-steach chun an Urrais anns An Iuchar 2007, a' moladh seirbheis ùr chraolaidh agus air-loidhne. Na chois bhathas a' moladh gum biodh sianal telebhisein Ghàidhlig ann a bhiodh a' craoladh airson suas ri seachd uairean a thìde san latha, seirbheisean BBC Radio nan Gàidheal agus gun deadh seirbheisean air-loidhne a leudachadh. Bhathas a' moladh gum biodh iomadh seòrsa prògram ri fhaotainn an cois sheirbheisean naidheachd agus aimsir anns a' Ghàidhlig. Thog an t-Urras teagamhan mun t-seirbheis nuair a rinn iad measadh poblach mu deidhinn an-uiridh. Thuirt iad nach b' urrainn dhaibh airgead a bharrachd a chur ris aig an ìre sin seach nach robh dearbhadh aca gum biodh e gu buannachd mhunntir na h-Alba anns an fharsaingeachd. Thathas dòchasach gun tèid an sianal ùr a chur air bhog tràth as t-samhradh 2008 | Ceanglaichean eile Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile | ||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||