--------------- --------------- ---------------
Tuilleadh bhon BhBC --------------- Cànain |
Stiùiriche SMO a' leigeal dheth a dhreuchd | ||||||||||||||||||||||
An dèidh 20 bliadhna san dreuchd, leigidh An t-Ollamh Tormod MacGilliosa, stiùiriche Sabhal Mòr Ostaig, seachad obair. Rinn An t-Ollamh MacGilliosa soilleir gu bheil e an dùil fàgail ro dheireadh na bliadhna agus chaidh an naidheachd a thoirt do luchd-obrach na colaiste feasgar Diardaoin. Tha an t-Ollamh MacGilliosa air 25 bliadhna de sheribheis a thoirt seachad don Cholaiste - thòsich e ag obair ann ann an 1983 mar Rùnaire. "Tha mise moiteil as na chaidh a choileanadh aig an t-Sabhal thar na còig bliadhna fichead a dh'fhalbh." Thuirt e an-dèidh na coinneamh "Cha d' fhuair mi ach taic bhon luchd-obrach agus Urrasairean na Colaiste." Mhìnich e "Tha e na chomhurtachd mhòr dhomh gu bheil mi a' fàgail sgioba cho làidir 's ealanta an sàs ann an obair leasachaidh na Gàidhlig." "Adhartas ionmholta" Tha an luchd-obrach na Colaiste a' guidhe soirbheachas don t-Ollamh MacGilliosa. "Thairis air na 20 bliadhna mu dheireadh, tha Sabhal Mòr Ostaig air adhartas ionmholta a dhèanamh fo an stiùireadh aig Tormod MacGilliosa agus, anns an ùine sin, tha a' Cholaiste air inbhe nàiseanta agus eadar-nàiseanta a chosnadh mar chruinn-ionad airson leasachadh foghlam Gàidhlig agus cultar." Thuirt Ceannard an Fhoghlaim aig a' Cholaiste Iain Tormod MacLeòid Tòisichidh Urrasairean na Colaiste a-nise air stùiriche ùr a lorg. A' bruidhinn as leth Urrasairean na Colaiste, thuirt Ruairidh Iain MacLeòid gur robh an t-Oll MacGillios air "cliù agus urram a chosnadh an dà chuid dha fhèin agus dhan a' Cholaiste" 'S e Colaiste Gàidhlig na h-Alba, stèidhichte san Eilean Sgitheanach, a tha ann an Sabhal Mòr Ostaig. Thathas a' tabhann cùrsaichean aig ìre Dioplòma, Ceum is For-Cheum agus cùrsaichean air astar tro mheadhan na Gàidhlig. | Ceanglaichean eile Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile | ||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||