--------------- --------------- ---------------
Tuilleadh bhon BhBC --------------- Cànain |
Duais-airgid don t-Sabhal Mhòr | ||||||||||||||||||||||
Chaidh fhoillseachadh gum faigh Sabhal Mòr Ostaig - a' Cholaiste Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach - duais mhòr airgid. Fhuair a' cholaiste £200,000 bho Chaidreachas nan Gàidheal - an duais mu dheireadh a thèid a thoirt seachad leis a' Chaidreachas, agus obair na buidhne a' tighinn gu crìch. Thuirt Cathraiche na buidhne sin, Murchadh Moireasdan: "Aig deireadh an là, rinn sinn an co-dhùnadh gur e Sabhal Mòr Ostaig an t-àite a b'fheàrr dhan deadh an t-airgead, ach an cuidich e a' Ghàidhealtachd, na h-oileanaich agus SMO cuideachd." Thuirt Stiùiriche na colaiste, an t-Oll. Tormod Mac 'ill-Ìosa, nach deadh ainm Caidreachas nan Gàidheal à bith leis a' bhuidhinn: "Thèid an t-airgead seo a thasgadh ann an cunntas sònraichte leis an ainm Caidreachas nan Gàidheal, gus am bi an t-ainm sin beò cho fad 's a bhios sinn fhèin beò. "Tha sinn den bheachd gun urrainn dhuinn barrachd airgid a thional a-steach air sgàth an ainm a tha sin." Thuirt e cuideachd gun robh an Caidreachas agus Sabhal Mòr Ostaig a' tarraing air an aon ràmh a thaobh nan amasan aca. "Bidh sinn a' cleachdadh an rèidh a bhios a' tighinn bhon airgead a tha sin airson a bhith a' toirt taic do dhaoine òga a th' airson am bith-beò a dhèanamh air a' Ghàidhealtachd," thuirt an t-Oll. Mac 'Ill-Ìosa. | Ceanglaichean eile Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile | ||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||