--------------- --------------- ---------------
Tuilleadh bhon BhBC --------------- Cànain |
Leasachadh mòr san amharc do dh'fhoghlam Ghàidhlig | ||||||||||||||||||||||
Chuir Prìomh-Mhinistear Ailig Salmond an ro-innleachd aige airson leasachadh na Gàidhlig an cèill an-raoir, agus e a' toirt seachad an 14mh òraid bhliadhnail an t-Sabhail Mhòir. Dhearbh e mar a bha dùil, gun tèid £7.5m a bharrachd a chuir mu choinneamh leasachadh na cànain thairis air an ath thrì bhliadhna. Thèid sin a chosg air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, pròiseactan Phlana Nàiseanta na Gàidhlig, agus craoladh sa chànain. Thuirt Mgr Salmond gu bheil cultar agus an eaconamaidh a' dol làmh an làimh ri chèile, agus gu bheil a' Ghàidhlig aig cridhe cultair na h-Alba. Leòmhan Ceilteach Chuir am Prìomh-Mhinistear an-cèill an amas aige gus eaconamaidh "Leòmhan Ceilteach" a stèidheachadh ann an Alba, coltach ris an Taidhgear Cheilteach a th' ann an eaconamaidh na h-Èireann. A' toirt seachad na h-òraid ann an Talla an Naoimh Cecilia an Dùn Èideann - seach an àite àbhaisteach, Sabhal Mòr Ostaig fhèin - bha Mgr Salmond airson a dhèanamh soilleir gu bheil e a' faicinn na Gàidhlig mar chànan a bhuinneas dhan dùthaich air fad, 's chan ann dìreach don Ghàidhealtachd. Thuirt e gu bheil e airson 's gum fàs a' Ghàidhlig air feadh na h-Alba tron t-seanail didsiteach Ghàidhlig, agus tron taic a th' ann airson foghlaim tro mheadhan na cànain. 'S e fhèin a dh'fhosglas Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis gu h-oifigeil san Fhaoilleach, agus gheall e an-raoir gun coimhead an Riaghaltas ri barrachd sgoiltean Ghàidhlig fhosgaldh air feadh na dùthcha. Gheall e cuideachd, gum faigh luchd-labhairt na cànain an curriculum slàn tro mheadhan na Gàidhlig. Geallaidhean Chosg e cuid mhath den òraid aige air mar a chumas an Riaghaltas ris na geallaidhean a thug iad mar-thà a thaobh na Gàidhlig. Nam measg, tha a bhith a' toirt àrdachadh air àireamh an luchd-labhairt, co-dhiù dhan ìre aig an robh iad ann an 2001, ro 2021. Thuirt e gum feumar coimhead air adhart, seach a bhith a' feuchainn ri stad a thoirt air crìonadh na cànain a-mhàin. Leis mar a tha e a' creidsinn gu bheil cultar agus an eaconamaidh a' dol làmh an làimh ri chèile, thuirt e nach biodh a' Ghàidhlig sàbhailte mur am faigh a luchd-labhairt cothroman matha eaconomaigeach. "To put it another way: 'S e an eaconamaidh a th' ann, amadain!" thuirt Mgr Salmond. | Ceanglaichean eile Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile | ||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||
| |||||||||||||||||||||||