Diofar bheachdan mu cheanglaichean stèidhichte airson eileanan

  • Air fhoillseachadh
Tunail anns na h-Eileanach FàrachTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Thèid coimhead ri tunailean no drochaidean airson trì eileanan.

Chuir Ball Pàrlamaid nan Eilean Siar agus Ball Pàrlamaid Albannach na sgìre fàilte air an naidheachd gun tèid coimhead ri tunailean no drochaidean a chur ann an Caolas Bharraigh agus Caolas na Hearadh - a thuilleadh air eadar Muile is tìr-mòr.

Nochd beachd à Muile ge-tà gum biodh e na b' fheàrr seirbheis nan aiseagan a leasachadh.

Chaidh na molaidhean fhoillseachadh Diardaoin mar phàirt de phlana còmhdhail Albannach fichead bliadhna.

Na h-Eileanan Fàrach

Chan eil fhios dè a chosgadh ceanglaichean, ach tha Ball Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, ag ràdh gu bheil tunailean gan cleachdadh anns na h-Eileanan Fàrach agus gum bu chòir an aon rud tachairt an seo.

Bha e ag ràdh gu bheilear an-dràsta a' togail an ceathramh tunail anns na h-Eileanan Fàrach airson timcheall air £10m gach cilemeatair le airgead a' tighinn à diofar àiteachan - agus gun tèid sin a phàigheadh air ais nuair a bhios daoine gan cleachdadh.

Thuirt e: "'S e tunailean a tha seo a bhios aca-san an àite aiseagan agus tha e air diofar mòr a dhèanamh an sin agus tha mi an dòchas gun dèan e an aon rud dhuinne cuideachd."

Thuirt Ball Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan gur e "gluasad adhartach" a bha seo.

"Le tìde, ghabhadh airgead a chaomhnadh le ceanglaichean stèidhichte agus cruthaicheadh iad dòighean siubhail mòran nas fheàrr eadar eileanan".

Feum airson eileanaich

Bha e ag ràdh gun dèiligeadh ceanglaichean stèidhichte ri duilgheadasan a th' aca le seirbheisean aiseig ann an Caolas Bharraigh is Caolas na Hearadh agus gur dòcha gum faodadh seòlaidhean à Barraigh a thighinn a-steach ann am Muile nam biodh an t-eilean sin ceangailte ri tìr-mòr, rud a shàbhaladh tìde aig muir.

Cha tachair seo a' chiad ghreis, thuirt e, ach bha e ag ràdh gur e ceum cudromach a tha seo.

Muile

Ged a tha riochdairean Nàiseantach Westminster is Holyrood nan Eilean Siar a' dèanamh fiughair ris na planaichean, thuirt Comataidh Aiseagan Mhuile is Eilein Ì gum bu chòir aiseagan prìomhachas fhaighinn.

Thuirt Joe Reade bhon bhuidhinn gur e sin a dh'iarradh muinntir an àite agus gu bheil iad cuideachd airson 's gum fuirich Muile na eilean, seach a bhith ceangailte ri tìr-mòr.

Iomadh moladh

Bha 45 moladh anns an ath-sgrùdadh còmhdhail aig Riaghaltas na h-Alba.

Tha siostaman metro airson Glaschu, Dùn Èideann agus Obar Dheathain cuideachd am measg nam planaichean agus gheibh sgeamaichean airson daoine a bhrosnachadh coiseachd no baidhseagal a chleachdadh prìomhachas.

A thuilleadh air an sin, thèid coimhead ri loidhnichean rèile a leasachadh is casgan astair draibhidh nas ìsle a chur an sàs ann am barrachd àiteachan.