32 pròiseactan coimhearsnachd a' faighinn £36m o mhaoin Ath-bheòthachaidh an Riaghaltais

Ìomhaigh de dh' Ionad Eilean na h-Òige a th'anns an amharc aig CEE. Tùs an deilbh, BARD
  • Air fhoillseachadh

Tha pròiseactan coimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar, ann an Earra-Ghàidheal is Bòd agus ann an sgìre na Gàidhealtachd am measg na tha a' faighinn taic-airgid gu math susbainteach o Mhaoin Grant Calpa Ath-bheòthachaidh an Riaghaltais Albannaich.

Gheibh 32 pròiseact air feadh Alba cuibhreann de £36m bhon mhaoin.

Tha dùil gum bi taic do chòrr air 1200 dreuchd ùr an cois a' mhaoineachaidh agus tha amas ann 21 togalach falamh no nach gabh a chleachdadh an-dràsta a chur air ais gu feum.

Thèid iomairt taigheadais aig prìsean reusanta a thaiceachadh anns a' Chòigich agus air a' Chomraich.

Gheibh Pròiseact Achadh Gharadh, taobh a-muigh £575,920 airson 10 taighean.

Anns an Ògmhios 2023, cheannaich Companaidh Leasachadh Coimhearsnachd na Còigich seann làraich an Hydroponicum ann an Achd Ille Bhuidhe às leth na coimhearsnachd, le taic bho Mhaoin Fearainn na h-Alba.

Tha Còmhnaidh Sheasmhach air a' Chomraich, taobh a-muigh a' faighinn £552,000 airson taighean aig prìs reusanta agus ionadan gnothachais a leasachadh air làrach "Achadh a Haidhdro" a bheir buannachdan do choimhearsnachd na sgìre air fad.

Aig a' cheann thall, tha iad ag amas air 16 dachaigh ùr agus ceithir ionadan gnothachais a thogail. Thèid an obair a dhèanamh ann an ceithir diofar phàirtean.

Thèid gnothachasan spòrs uisge a leudachadh ann an Tairbeart Loch Fìne agus Ceann Loch Chille Chiarain.

Bidh ionad Hebrides People Cò leis Thu?, taobh a-muigh anns an Taobh Tuath anns na Hearadh air a leudachadh airson 's gum bi rùm ann airson stuth a reic agus airson tachartasan a chumail ann.

Thèid cuideachd àiteachan-fuirich a chruthachadh ann do dh'oileanaich. Gheibh iadsan faisg air £2m airson na h-obrach sa.

Tha Ionad Eilean na h-Òige, pròiseact airson seann sgoil Èirisgeidh a leasachadh mar ionad chultarail agus anns am bi tachartasan coimhearsnachd aon uair eile, a' faighinn cha mhòr £1m.

Tha Comann Eachdraidh Èirisgeigh an dòchas gun tig buannachdan eaconamach an cois an leasachaidh le dreuchdan ùra cuideachd.

Tha Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath, taobh a-muigh a' faighinn £599,000 do phròiseact Coimhearsnachd is Dualchais Uibhist a Tuath a bhios a' leasachadh seann Sgoil Chàirinis far am bheil iad a-nise stèidhichte.

Dealbh de sgìre na Còigich faisg air Achd Ille BhuidheTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Sgìre na Còigich

Tha a' mhaoin a' faighinn airgid o Bhuidseat na h-Alba 2026/27 agus tha i air a h-obrachadh ann an compàirteachas le Caidreachas nan Ùghdarrasan Ionadail Albannach.

Am measg nam pròiseactan a tha a' faighinn taic, tha:

  • Achadh Gharadh: dachaighean don Chòigich (Comhairle na Gàidhealtachd) — £575,920

  • Còmhnaidh Sheasmhach air a' Chomraich (Comhairle na Gàidhealtachd) — £552,000

  • Ionad Hebrides People Cò Leis Thu? (Comhairle nan Eilean Siar) — £1,850,000

  • Spòrsmara Chinn Tìre (Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid) — £800,000

  • Hub Coimhearsnachd Spòrs Uisge is Chur-seachadan Chidhe an Tairbeirt (Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid) — £850,000

  • Coimhearsnachd is Dualchas Uibhist a Tuath (Comhairle nan Eilean Siar) — £599,000

  • Hub Gnothachais is Connaidh Thaigh na Bruaich (Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid) — £120,000

  • Pàirc Nonhebel (Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid) — £648,500

  • Ionad Eilean na h-Òige (Comhairle nan Eilean Siar) — £959,000

  • Ionadan Gnothachais is Coimhearnsachd aig The Space (Comhairle na Gàidhealtachd) — £500,000

Thuirt an Leas Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, gun dèanadh an t-airgead seo diofar ann am beatha dhaoine - tro thaigheadas aig prìsean reusanta, cothroman eaconamach agus àiteachan airson coimhearnsachdan a bhith a' faighinn cothrom tighinn còmhla air feadh na dùthcha.

"Cuiridh a bhith a' cruthachadh nan ceudan obraichean agus cothroman trèanaidh ri teachd-a-steach theaghlaichean agus bheir e toiseach-tòiseachaidh nas fheàrr do chloinn," thuirt Ms Fhoirbeis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo