Cha deach adhartas gu leòr a dhèanamh aig Bun-sgoil Bhail' Ùr an t-Slèibh

- Air fhoillseachadh
Cha deach adhartas gu leòr a dhèanamh aig Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Bhail' Ùr an t-Slèibh bho chaidh sgrùdadh a dhèanamh an-uiridh, a rèir luchd-sgrùdaidh an fhoghlaim.
Thadhail an luchd-sgrùdaidh às ùr air an sgoil agus sgoil-àraich bho chionn ghoirid gus beachd fhaighinn air mar a tha a' dol dhaibh le grunn mholaidhean a rinneadh san Ògmhios 2025.
Am measg na fhuair an luchd-sgrùdaidh an uairsin, bha gun robh piseach a dhìth air ionnsachadh, teagasg agus measadh gach cuid ann an roinn na Gàidhlig agus roinn na Beurla.
As dèidh dhaibh tadhail air an sgoil a-rithist, thuirt an luchd-sgrùdaidh gu bheil càirdeasan math ann eadar luchd-obrach agus sgoilearan, agus gu bheil clann a-nis ag ionnsachadh ann an àrainneachd "shocair".
Thuirt iad ge-tà, gu bheil tidsearan fhathast a' toirt seachad cha mhòr làn leasanan nach eil a' coinneachadh ri feumalachdan gach duine-cloinne.
Thuirt iad cuideachd gum feum tidsearan piseach a thoirt air mar a tha iad a' measadh adhartais agus ìrean coileanaidh nan sgoilearan.
A thuilleadh air an seo, dh'iarr iad air ceannardan na sgoile sùil gheur a chumail air mar a tha tidsearan ag ullachadh chlasaichean, gus dèanamh cinnteach gu bheil iad a' toirt seachad currraicealam a tha farsaing agus cothromach.
Luchd-obrach
Bha an luchd-sgrùdaidh air a ràdh san Ògmhios gum feumadh Comhairle na Gàidhealtachd gnìomhan èiginneach a ghabhail gus piseach a thoirt air ceannas agus luchd-obrach na sgoile.
Mar phàirt den seo, thuirt iad gum bu chòir don luchd-obrach air fad modhan-obrach a leasachadh 'son obair na sgoile a mheasadh agus sin a thoirt am feabhas.
Thuirt an luchd-sgrùdaidh gun robh cennardan na sgoile, le taic bhon chomhairle, air planaichean a chruthachadh.
Thuirt iad ge-tà, nach robh a' mhòr-chuid de luchd-obrach an sàs gu ìre mhòr ann a bhith a' cur nam planaichean seo ri chèile no gam measadh.
Tha iad ag ràdh gum feum an t-ùghdarras ionadail a-nis obrachadh le ceannardan na sgoile agus luchd-obrach gus planaichean nas soilleire a chruthachadh.
Thuirt iad gun tug Comhairle na Gàidhealtachd maoineachadh dhan sgoil airson luchd-obrach a bharrachd fhastadh, ach ri linn dreuchdan a tha bàn gun robh seo air a chleachdadh gus na beàrnan seo a lìonadh.
Sgoil-àraich
Bha an luchd-sgrùdaidh air a ràdh san Ògmhios gum feumadh an sgoil-àraich a bhith ga ath-stèidheachadh ach am faigheadh clann modail ionnsachaidh adhartach agus bogadh sa Ghàidhlig.
Fhuair an luchd-sgrùdaidh gu bheil adhartas math air a bhith ann leis an seo. Chaidh an sgoil-àraich a stèidheachadh a-rithist agus tha clann a-nis a' faighinn bogadh sa chànan.
Thuirt iad gu bheil clann san sgoil-àraich a' dèanamh adhartas làidir ri linn seo.
Dh'iarr iad gun dèan ceannardan na sgoile cinnteach gun lean an t-adhartas seo agus gum bithear a' togail air.
Droch aithisg do Bhun-Sgoil Bhail' Ùr an t-Slèibh
- Air fhoillseachadh17 An t-Ògmhios 2025
Pàrantan Bhail' Ùr an t-Slèibh: "aithisg uabhasach"
- Air fhoillseachadh18 An t-Ògmhios 2025
Fhuair an luchd-sgrùdaidh nach deach adhartas gu leòr a dhèanamh ann a bhith a' dèanamh cinnteach gum biodh cothromachd ann do chloinn eadar foghlam na Gàidhlig agus na Beurla.
Ged a bha plana aig ceannard na sgoile maoineachadh sònraichte PEF (Pupil Equity Funding) a chleachdadh gus beàranan ionnsachaidh a dhùnadh, leis nach b' urrainnear an luchd-obrach a bha a dhìth fhastadh, cha deach seo a choileanadh.
Thuirt luchd-sgrùdaidh gum feum Comhairle na Gàidhealtachd taic a chur ri ceannardan na sgoile air plana maoineachadh PEF a chleachdadh gus piseach a thoirt air coileanadh agus adhartas sgoilearan.
Feumalachdan a bharrachd
Bha an luchd-sgrùdaidh air iarraidh san Ògmhios gun deadh piseach a thoirt air mar a tha taic ga chur ri clann aig a bheil feum air taic a bharrachd.
Fhuair iad nach deach adhartas gu leòr a dhèanamh le seo anns an sgoil-àraich, ach gun robh beagan adhartais air a bhith ann an dà chuid ann an roinn na Gàidhlig agus na Beurla sa bhun-sgoil.
Fhuair iad gun robh sealladh farsaing feumail ga chruthachadh sa bhun-sgoil air clann a tha feumach air taic a bharrachd, agus gu bheil planaichean fa leth gan cuir air dòigh dhaibh.
Thuirt iad gum bu chòir don sgoil-àraich agus nursaraidh an leithid a dhèanamh cuideachd.
Faireachdainnean agus Sunnd
Tha an luchd-sgrùdaidh ag ràdh gun deach beagan adhartais a dhèanamh le bhith a' cuideachadh sgoilearan ann a bhith a' tuigsinn an cuid fhaireachdainnean agus sunnd.
Thuirt iad gu bheil luchd-obrach air na modhan-obrach aca a neartachadh a thaobh seo.
Fhuair iad gu bheil a' mhòr-chuid de chloinn a-nis ag aithneachadh mar a tha iad a' faireachdainn ann an dòigh èifeachdadh agus gu bheil ro-innleachdan aca gus seo a làimhseachadh.
Ath cheumannan
Tha HMIE ag ràdh gum feum an sgoil barrachd ùine agus taic leantainneach bho Chomhairle na Gàidhealtachd airson leasachadh a dhèanamh.
Cumaidh an luchd-sgrùdaidh orra a' conaltradh leis an sgoil agus a' chomhairle gus seo a mheasadh, agus thèid sgrùdadh eile a dhèanamh taobh a-staigh sia mìosan.
Tha BBC Naidheachdan air beachd iarraidh bho Chomhairle na Gàidhealtachd.