Pàrantan Bhail' Ùr an t-Slèibh: "aithisg uabhasach"

Bun-sgoil Bhail' Ùr an t-Slèibh
  • Air fhoillseachadh

Thuirt comhairle nam pàrant aig Bun-sgoil Bhail' Ùr an t-Slèibh gu bheil aithisg a dh'fhoillsich luchd-sgrùdaidh air an sgoil an t-seachdain seo uabhasach, agus dh'iarr iad soillearachadh air Comhairle na Gàidhealtachd.

Thuirt an luchd-sgrùdaidh gum feum comhairle na Gàidhealtachd "gnìomh èiginneach" a dhèanamh mu choinneimh grunn laigsean a fhuair iad.

Thuirt pàrantan gun deach an sgrùdadh a dhèanamh sia mìosan an dèidh don ùghdarras ionadail ceumannan a bharrachd a ghabhail mu choinneimh dhraghan a thog na pàrantan.

"Tha na fhuair Foghlam Alba aig Bun-sgoil Bhail' Ùr an t-Slèibh na chùis bhròin mhòir dhuinn," thuirt na pàrantan ann am brath.

"Tha toraidhean an sgrùdaidh uabhasach, agus tha mar a tha clann Bhail' Ùr an t-Slèibh air am fàiligeadh gar fàgail feargach."

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil àrd-oifigich foghlaim ag obair leis an sgoil airson piseach a thoirt air cùisean.

Thuirt neach-labhairt gur e rùn an ùghdarrais ionadal gum bi àrainn ionnsachaidh, gnathan-eòlais agus eadar-obrachadh aig àrd ìre aig clann-sgoile.

Tha pàrantan air a bhith a' togail dhragh, thuirt iad, leis a' Chomhairle mu laigsean san sgoil o chionn dà bhliadhna a-niste, agus iad ag ràdh gu bheil coileanadh ionnsachaidh an cuid chloinne ga mhilleadh.

Bun-sgoil Bhail' Ùr an t-Slèibh

"Tha sinn ag iarraidh air an ùghdarras ionadail agus na riochdairean taghte againn coinneachadh ri pàrantan sa bhad airson am plana leasachaidh aca a shealltainn dhaibh, agus a mhìneachadh:

  • Na h-atharrachaidhean sònraichte a thèid a dhèanamh mu choinneimh a' ghnìomha èiginnich a chomharraich an luchd-sgrùdaidh

  • Dè na leasachaidhean a chì sinn sna sia mìosan a tha romhainn, agus ciamar a nìthear measadh air leasachaidhean

  • Ciamar, às aonais cheannard-sgoile làn-ùine, a nì a' Chomhairle cinnteach gun tèid leasachadh leantainneach a dhèanamh agus gun tig piseach maireannach air ionnsachadh na cloinne

  • Ciamar a bheir a' Chomhairle piseach air taic do chloinn le feumalachdan taice a bharrachd"

Thog na pàrantan air mar a tha an sgoil aig cridhe coimhearsnachd a' bhaile, 's nach eil sgoil eile san sgìre a bheir seachad foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

"Tha taic na coimhearsnachd aig an sgoil, agus tha na pàrantan gu math gnìomhach a th' air a bhith ag obair gu deimhinneach airson taic a thoirt do luchd-obrach na sgoile. Tha i air a bhith, agus faodaidh i a bhith a-rithist, na sàr-sgoil," thuirt iad.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun do chuir iad coinneamh air doigh do phàrantan, luchd-cùraim agus comhairlichean ionadail far an cluinn iad mu na thathas a' dèanamh airson piseach a thoirt air cùisean sa sgoil.

Thuirt iad gum bi Ceannard na Sgoile agus Àrd-oifigear Foghlam Bun-Sgoile an làthair.