Naidheachdan 11:00m

Tancair

Dh'innis fear-lagha gun tug na Stàitean Aonaichte sgiobair agus ciad oifigeach tancair Ruiseanaich a tha an greim aca far chladach Mhoireibh a-mach à uisgeachan Bhreatainn. Rinn na h-Aimeireaganaich greim air an tancair, am Marinera, deas air Innis Tìle bho chionn cola-deug, agus tha i air acair an-dràsta faisg air a' Bhroch. Dh'innis am fear-lagha Amar Anwar, às leth bean an sgiobair gun deach an cuir air bàta Aimeireaganach tràth sa mhadainn an-diugh.

Stoirm

Tha Stoirm Chandra a' toirt buaidh mhòir air mòran den Rìoghachd Aonaichte le rathaidean dùinte le tuiltean agus le sneachda an ceann a tuath Shasainn. Tha còrr is 300 sgoil ann an Èirinn a Tuath dùinte 's tha neart na gaoithe a' toirt buaidh air a' mhòr-chuid de sheirbheisean aiseig costa an iar na h-Alba.

Minneapolis

Dh'innis Mèar Mhinneapolis, an Deamocratach Jacob Frey, gum bi na h-uimhir de na h-oifigich inimreachais fheadaralach a' fàgail a' bhaile, an dèidh dhasan bruidhinn ris a' Cheann-Suidhe Trump mun chùis. Tha aramach mhòr anns an sgìre on a mharbh oifigeach inimreachais an nurs Alex Pretti anns a' bhaile Disathairne.

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Tha luchd-sgrùdaidh nan sgoiltean ag iarraidh leasachadh san aithghearrachd air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, gu h-àraidh aig ìre na h-àrd-sgoile. Tha an aithisg stèidhte air sgrùdadh air faisg air 60 sgoil-àraich, bun-sgoil agus àrd-sgoil air feadh Alba. Tha aithisg an HMI a' togail dragh mu chion luchd-obrach, dìth leantainneachd sa churraicealam agus mu cho beag 's a tha an àireamh sgoilearan a tha a' taghadh Gàidhlig san àrd-sgoil.

Ceadan-dràibhidh

Bidh dràibhearan ùra ann an Èirinn a Tuath air a' chiad fheadhainn anns an Rìoghachd Aonaichte dhan tèid cead-dràibhidh a thoirt mean air mhean. Bidh na riaghailtean ùra, ag amas air nas lugha thubaistean anns a bheil dràibhearan òga, a' tòiseachadh san Dàmhair am-bliadhna. Tha Astràilia agus na Stàitean Aonaichte am measg nan dùthchannan anns a bheil lagh den aon sheòrsa mar thà.

Aonta Malairt

Ràinig an t-Aonadh Eòrpach agus na h-Ìnnseachan aonta malairt ùr an dèidh fad fichead bliadhna de chòmhraidhean. Tha gearraidhean taraif am measg na th' anns an aonta a dh'fhosglas sgìre mhargaidh ùr de chòrr is 2bn duine.