Seann tuathanas tairbh a-nis ann an làmhan na coimhearsnachd

Tha 10 bliadhna o thòisich iomairt na coimhearsnachd airson smachd fhaighinn air an talamh
- Air fhoillseachadh
Tha fearann air iomall Inbhir Nis a-nis fo shealbh na coimhearsnachd an dèidh iomairt fad deich bliadhna a rinn carthannas ionadail.
Tha Cnoc nan Giall Earranta air smachd a ghabhail air timcheall air 20 acaire air a bheil Smiddy Field, a bha roimhe mar phàirt de thuathanas Riaghaltas na h-Alba a bhiodh a' cur a-mach tharbh air iasad do chroitearan air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd mar-thà air cead a thoirt don bhuidhinn "àite glas" a stèidheachadh air an làraich.
Bidh 145 lotaichean ann cho math ri lios-mheas agus àite far an suidh daoine còmhla.

Bidh cothrom aig daoine am biadh fhèin a chur 's a bhuain air an fhearann
Tha tuathanas-tairbh air a bhith aig Cnoc nan Giall bho Linn Bhictòria.
Ann an 2015, cho-dhùin Riaghaltas na h-Alba nach robh feum orra tuilleadh air Smiddy Field agus bha dragh ann gun deadh a reic airson taighean a thogail.
Cha deach le tagradh a rinn Cnoc nan Giall Earr. gum faigheadh iad sealbh air an talamh mar choimhearsnachd, ach chaidh cur às don cho-dhùnadh sin an dèidh ath-sgrùdaidh ann an 2023.
Fhuair a' bhuidheann maoineachadh bho Stòras Fearainn na h-Alba airson an cuid planaichean.

Thèid an làrach a chumail na "àite glas" don choimhearsnachd an dèidh dragh gun rachadh a reic airson taigheadais
Tha an carthannas a-nis a' cur air dòigh sreath thachartasan airson airgead a bharrachd a thogail mus tòisich an obair leasachaidh.
Thuirt an cathraiche, Maria de la Torre, gun robh iad air an dòigh glan sealbh fhaighinn air Smiddy Field an dèidh a bhith ag obair cho cruaidh.
Thuirt i gur e àite fìor mhath a bhiodh ann far an tigeadh daoine cruinn, far am faigheadh iad tlachd às a' bhlàr a-muigh agus far am b' urrainn dhaibh biadh fhàs dhaibh fhèin.
Tha feum ann airson talamh àitich agus lotaichean don choimhearsnachd," thuirt i.
"Chan eil mòran dhiubh sin ann an Inbhir Nis.
"Tha cuideachd sia sgoiltean ionadail a tha gu math faisg air an fhearann agus thèid againn air an làrach a chleachdadh airson foghlaim," thuirt i.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh14 An t-Samhain 2024

- Air fhoillseachadh22 An t-Iuchar 2024

- Air fhoillseachadh10 An t-Samhain 2020
