Sealbh air fearann Chnoc nan Giall ceum nas fhaisge

- Air fhoillseachadh
Ghabh carthannas ceum air adhart a chum a bhith a' faighinn seilbh air pìos fearainn, mu 20 acaire de mheud, ann an ceann a deas Inbhir Nis.
'S ann le Riaghaltas na h-Alba a tha an tuathanas aig Cnoc nan Giall, far a bheil tairbh gan cur a-mach air iasad do chroitearan air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.
Tha Cnoc nan Giall Earranta ag iarraidh gàrradh coimhearsnachd, ùbhal-ghort agus liosan do bhiadh eile a chruthachadh ann an sgìre air a bheil Achadh na Ceàrdaich.
Tha iad a-niste air taic-airgid fhaighinn bho Mhaoin Fearainn na h-Alba.
'S e an ath cheum còmhraidhean a chumail le Roinn nam Pàighidhean 's nan Sgrùdaidhean Dùthchail, RIPD, airson an talamh a cheannach.
Bha an roinn sin de Riaghaltas na h-Alba air diùltadh am fearann sin a thoirt seachad, ach chuir panal neo-eisimeileach às den cho-dhùnadh aca.
Ghabh ministearan an Riaghaltais ri co-dhùnadh a' phanail.
"Taingeil"
Thuirt cathraiche Chnoc nan Giall, Maria de la Torre: "Tha còrr air bliadhna ann bho cho-dhùn ministearan an talamh a thoirt seachad, agus tha sinn air mìosan a chur seachad a' bruidhinn ri Roinn an Àiteachais.
"Tha sinn an dòchas gum bi an taic-airgid seo a' ciallachadh gum faigh sinn air an talamh a cheannach gu sgiobalta.
"A' bruidhinn às leth nam ball againn air fad, tha sinn taingeil don SLF airson an taic agus às aonais cha bhiodh e comasach gluasad chun na h-ath ìre," thuirt i.
Nochd planaichean na coimhearsnachd an toiseach an 2015 nuair a chaidh dearbhadh nach robh cleachdadh ann air a shon.
Bha dragh am measg muinntir an àite gun deadh taighean a thogail air an talamh.
Tha sgeama tarbh an Riaghaltais aig Cnoc nan Giall a' dol air ais gu linn Bhictoria.
Dhiùlt an RPID an talamh a thoirt seachad leis gun robh iad ag ràdh gun robh e a dhìth airson biadh a' Gheamhraidh fhàs, leithid eòrna, feur agus saidhlids, dha na tairbh.
Bha iad ag ràdh gum biodh aca ri biadh eile a lorg nan cailleadh iad an talamh is gun cuireadh sin cosgaisean an-àirde a bhiodh aig na croitearan ri phàigheadh.