Dùil ri 'àite uaine' ùr a' stèidheachadh an Inbhir Nis

- Air fhoillseachadh
Tha dòchas ann gun tèid obair a dhèanamh an ath-bhliadhna, gus "àite uaine" ùr a' stèidheachadh an Inbhir Nis.
Aig aon àm bha dùil gun rachadh taighean a thogail air Achadh Smiddy, ach às dèidh co-dhùnaidh a rinn ministearan riaghaltas na h-Alba an-uiridh, gabhaidh cathrannas Chnoc nan Giall, an talamh seo os làimh,
Buannachdan
Tha iad airson lotaichean, lios-ùbhlan, agus gàrradh coimhearsneachd a chur ann.
Tha grunn bhliadhnaichean bhon a thòisich an iomairt aca agus am-bliadhna tha iad air a bhith ag obair leis an riaghaltas airson cùmhnant a chur air dòigh.
Thuirt Cathraiche na buidhne-cathrannais 'Cnoc nan Giall', Maria de la Torre gu bheil iad air tagradh a chur a-steach airson ionmhas bho Stòras Fearann na h-Alba 's tha i dòchasach gum faigh iad sin ro dheireadh an t-samhraidh.
Dh' innis Stiùiriche a' Chathrannais, Raghnall MacBhiocar, gu bheil fianais gu leòr ann a thaobh nam buannachdan mòra a tha an cois a bhith a' fàs rudan sinn fhèin agus a bhith measg dhaoine eile fhad' 's a tha sinn a' dèanamh sin.
"Tha na buannachdan sin a thaobh slàinte san fharsaingeachd agus gu h-àraidh slàinte-inntinn", thuirt e.
Tha sgrùdadh fhathast ri dhèanamh air an talamh, ach ma thèid gu math le sin, tha dùil gun tòisich an obair airson na lotaichean, an leas-ùbhlan, agus gàrradh coimhearsneachd an ath-bhliadhna.