Iomairt airson glasrach a chumail glas
- Air fhoillseachadh

Tha a' bhuidheann coimhearnsachd, Cnoc nan Giall Earranta, ag iarraidh bheachdan air mar bu chòir gluasad air adhart le plana airson pìos talmhainn bàn an iar air baile Inbhir Nis.
Thar nam beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh cha bheag an àireamh thaighean a thogadh san sgìre, agus tha muinntir an àite ag iarraidh an talamh a ghlèidheadh mar ghlasrach.
Tha iad a' coimhead air lotaichean beaga a stèidheachadh agus fèill mhòr air an leithid ann am mòran bhailtean.
Thuirt cathraiche na buidhne, Cnoc nan Giall, Maria de la Torre, gu bheil iad air a bhith ag obair air ro-innleachd airson beagan bhliadhnaichean a-nis.
"Tha sinn ag iarraidh àite airson gàrraidhean a dhèanamh do dhaoine agus 's dòcha ubhal-ghort, agus tha sinn cuideachd airson pròiseactan a bhith againn a chum maith fallaineachd na coimhearsnachd," mhìnich i.

Tha a' bhuidheann ag iarraidh bheachdan dhaoine air mar as fheàrr a ghabhas am fearann a chleachdadh
Chùm iad là fosgailte bho chionn ghoirid agus bha e follaiseach gun robh ùidh aig mòran ann a bhith a' faighinn a' chothroim a bhith ri cur agus buain.
"Air sgàth an Lockdown tha daoine air a bhith a' ceannach nas urrainn dhaibh de lusan glasraich sna bùitean ionadail," thuirt Rùnaire na buidhne, Steve Rowan.
"Chan eil teagamh nach eil e gu bhith gu buannachd na coimhearnsachd gum bi iad ag obrachadh na talmhainn còmhla.
"Chan e a-mhàin gum bi lotaichean fa leth aig daoine ach ma 's urrainear pròiseactan fàis a dhèanamh còmhla, mar a bhith a' fàs lusan a reiceas iad, tha sin a' toirt dhaoine còmhla," thuirt e.
Iarrtas a' fàs
Ann an Inbhir Nis tha fèill mhòr air pròiseactan mar seo agus tha e a' toirt tlachd mhòir do dhaoine mar Màiri Nic'illIosa aig a bheil lot bheag air làraich eile sa bhaile.
"'S caomh leam a bhith a' dol ann agus a' bruidhinn ri daoine.
"'S e eacarsaich mhath a th' ann agus nuair a tha cus de rudan aig daoine bidh sinn a' toirt seachad stuth.
"Tha tòrr dhaoine a' feitheamh airson gàrraidh agus tha barrachd ùidh aig daoine ann a bhith a' cur nan lusan aca fhèin, gu h-àraidh am-bliadhna," thuirt i.