Ath-sgrùdadh ga iarraidh air cosgaisean siubhail euslainteach

Torcuil Crichton BPTùs an deilbh, PÀRLAMAID NA RÌOGHACHD AONAICHTE
  • Air fhoillseachadh

Dh'iarr BP Làbarach nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, air ceannardan NHS na sgìre gun dèanar ath-sgrùdaidh iomlain air an t-siostam fo am faigh euslaintich taic-airgid airson siubhal gu coinneamhan meadaigeach air tìr-mòr.

Gheibh euslaintich na sgìre £60 mu choinneimh gach oidhche a dh'fheumas iad fuireach air falbh on dachaigh, agus tha Mgr Crichton ag ràdh nach eil sin faisg air gu leòr.

Sgrìobh e gu Cathraiche NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson: "Tha euslaintich a' pàigheadh a dhà uimhir 's an còrr, agus tha eagal orm gu bheil cuid a' roghnachadh gun cùram a ghabhail ri linn cion airgid. Chan urrainn gu bheil seo ceart."

Tha aig euslaintich anns na h-Eileanan Siar ri falbh gu tìr-mòr airson cuid de dh'obair-lannsa no cùram fhaighinn nach eil ga thoirt seachad anns an sgìre fhèin.

Thuirt e gu bheil Bòrd na Slàinte agus Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gur ann an urra ris a' bhuidhinn eile a tha a' chùis.

"Fòghnaidh na dh'fhòghnas. Tha thìde againn an cearcall coire seo a bhriseadh," dh'iarr e san litir.

Tha mòran dhaoine air fios a chur air Mgr Crichton, thuirt e, a' togail dragh mu na tha e a' cosg do dhaoine falbh gu seirbheisean meadaigeach.

Dh'iarr Mgr Crichton san litir aige gun coimiseanaich NHS nan Eilean Siar ath-sgrùdadh iomlan air siubhal euslainteach "le fòcas air reataichean taice airson aoigheachd agus siubhail".

Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil e comasach dhaibh na reataichean atharrrachadh ach gun toireadh àrdachadh sam bith buaidh air buidseat sheirbheisean eile.

Ann am brath naidheachd, thuirt iad: "Tha e mar dhleasdanas air Bòrd na Slàinte fuireach taobh a-staigh a' bhuidseit aca, agus chan eil suimean sònraichte air an comharrachadh dhaibhsan a dh'fheumas siubhal airson cùraim.

"Tha an sgeama a' pàigheadh cuid de na cosgaisean aca ach chan e ais-phàigheadh slàn a th' ann.

"Feumaidh am Bòrd, cleas bhuidhnean gu leòr eile, measadh agus prìomhachadh a dhèanamh gus an dèan iad co-dhùnaidhean.

"Chan urrainnear coimhead ri ceist siubhal euslainteach na aonar."

Chaidh beachd iarraidh air Riaghaltas na h-Alba.