Naidheachdan 11:00m

Sìona

Thuirt Sir Keir Starmer gun robh còmhradh math aige ris a' Cheann-Suidhe Xi Jingping ann am Beijing. Thuirt am Prìomhaire gun do rinn iad adhartas gu ruige gearradh ann an taraif an uisge-bheatha, cead bhìosa do luchd-siubhail Bhreatannach ann an Sìona, agus casg air einnseanan Sìonach a bhios air bàtaichean beaga luchd-siridh comraich anns a' Chaolas Shasannach. Agus thuirt e gun do bhruidhinn iad air còraichean daonna agus cùis an fhir-iomairt airson deamocrasaidh Jimmy Lai, a tha sa phrìosan ann an Hong Kong.

Buidseatan Chomhairlean

Tha Coimisean a' Chunntais ag ràdh gu bheil cion an airgid a' sìor fhàs nas miosa aig a h-uile ùghdarras ionadail ann an Alba, 's gum bi e doirbh gearraidhean a sheachnadh. Tha aithisg ùr bhon Choimisean ag ràdh gum bi beàrn faisg air £1bn ann am buidseatan chomhairlean gu lèir an ath-bhliadhna, agus gu bheil cunnart ann gum feum goireasan mar amaran-snàimh agus leabharlainn dùnadh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun toir iad an t-suim as motha fhathast, cha mhòr £15.7bn, dha na comhairlean ann am buidseat 2026/27.

Santander

Bidh Santander a' dùnadh 44 de na bancaichean aca san Rìoghachd Aonaichte, a' cur faisg air 300 cosnadh ann an cunnart. 'S e gluasad luchd-cleachdaidh gu bancadh air-loidhne as motha a thug buaidh air a' cho-dhùnadh a rèir na companaidh. Dùinidh meur Chathair Cheann Tullaich aig deireadh a' Ghiblein, agus am banca san t-Sròn Reamhar anns a' Chèitean.

Iran

Thuirt Àrd-Thosgaire an Aonaidh Eòrpaich, Kaja Kallas, gu bheil làn-dùil aice gun cuir an EU na Geàird Reabhlaideach Ioslamach ann an Iran air liosta nan ceannairceach aca mar fhreagairt dhan dòigh sa bheil Tehran ri fòirneart an aghaidh feadhainn a tha a' togail fianais. Agus thug an Ceann-Suidhe Trump rabhadh uair eile do dh'Iran, gu bheil an ùine a' ruith orra airson aonta mun phrògram niuclasach aca.

Luchd-taisteil

Tha Coimisean Chòraichean Daonna na h-Alba ag iarraidh dìoghladh airson sgeama an "Tinker Experiment" mar a bh' air. Chuir an sgeama sin, a thòisich ann am meadhan na linne seo chaidh, casg air luchd-taisteil bho shiubhal bho àite gu àite, agus chaidh an cur a dh'fhuireach ann an droch thaigheadas. Tha an Coimisean ag ràdh gu bheil buaidh sin ann chun an là an-diugh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' bruidhinn ris a' choimhearsnachd thaistealaich mun chùis.