Trioblaidean còmhdhail "a' cur ri àmhghar euslainteach"

Mairead Keltie
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Mairead Keltie ag ràdh gu bheil trioblaidean le seirbheisean còmhdhail air uallach a bharrachd a chur oirre is i mar-tha a' fulang le aillse, is gun do rinn seo cùisean nas miosa buileach do chuid eile aig deireadh am beatha.

  • Air fhoillseachadh

"'S e an obair a th' againn a-nise a bhith ag èisteachd agus a' cur an gnìomh".

'S ann mar sin a chrìochnaich Rùnaire Slàinte na h-Alba, Neil Gray, òraid mhòr aig Holyrood as t-samhradh is e air an obair a ghabhail nas tràithe am-bliadhna.

Am measg na thuirt Mgr Gray is e a' cur planaichean slàinte an riaghaltais an cèill, bha gum faic euslaintich "an duine ceart, aig an àm cheart, san àite cheart".

Tha a h-uile coltas ann gum bi Mgr Gray ag èisteachd ri dragh gu leòr timcheall air na gnothaichean sin nuair a thig e dh'Uibhist Diciadain airson coinneimh le Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd Slàinte nan Eilean, is buidheann euslainteach.

Tha dragh air a bhith ann 'son ùine mun bhuaidh aig seirbheisean còmhdhail air seirbheisean slàinte anns na h-Eileanan an Iar.

Dh'innis aithisg a chaidh air beulaibh NHS nan Eilean san Dùbhlachd an-uiridh gun robh seirbheisean còmhdail "truagh" - an dà chuid aiseagan is plèanaichean - a' toirt buaidh air slàinte euslainteach, agus a' cur gu mòr ri cosgaisean.

Bha BBC Naidheachdan air cluinntinn ron sin bho euslaintich a bha air fulang.

Dh'innis boireannach air a bheil tinneas Parkinson's mar a thug e là dhi a dhol air sgàth thrioblaidean a bh' aig Loganair.

Bha fearg ann nuair a thàinig air duine, còrr air 80 bliadhna a dh'aois, siubhal còrr is 20 uair de thìde airson faighinn dhachaigh a dh'Uibhist às dèidh obair-lannsa air tìr-mòr, is Loganair air plèana eadar Steòrnabhagh is Beinn nam Fadhla a chur dheth.

Ach tha tuilleadh teis air a dhol san deasbad bho ghabh a' chompanaidh Hebridean Air Services thairis air a' chùmhnant sin a bh' aig Loganair sa Ghiblean.

Hebridean Air Services
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dragh a bharrachd air a bhith ann bho ghabh Hebridean Air Services an cùmhnant airson a' PhSO eadar Steòrnabhagh is Beinn nam Fadhla os làimh

Bha a' chompanaidh mar-tha air a bhith a' ruith sheirbheisean gu eileanan Earra-Ghàidheal fad grunn bhliadhnaichean, is dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gur iad a-mhàin a chuir air adhart tairgse a bha a' coileanadh a' chùmhnaint.

Ach tha dragh gu leòr air a bhith ann is dìreach 8 àitichean air a' phlèana seach 48 mar a bha le Loganair, is nach eil rùm gu leòr ann do dh'euslaintich is luchd-obrach slàinte.

Ged a tha an t-seirbheis ann trì là san t-seachdain seach a dhà mar a bha, chaidh gearanan a dhèanamh gu bheil iad tric air a bhith air an cur dheth.

Chuala BBC Naidheachdan bho euslainteach le aillse gu bheil i an ìre mhath "air a glùinean" ri linn an duilgheadais a th' ann siubhal gu leigheas.

An t-seachdain seo fhèin, dh'innis Mairead Keltie, a tha a' fuireach ann an Uibhist a Deas is a tha a' fulang le aillse, gu bheil an suidheachadh le còmhdhail na uallach a bharrachd dhi aig àm nuair a tha i tinn.

Tha i ag ràdh gun robh tàire aice nuair a bha an cùmhnant adhair aig Loganair is dàil oirre tric, is aon turas gun robh aice ri falbh air an aiseag, ach gu bheil dùbhlain ùra ann a-nise.

"'S urrainn dhomhsa faighinn air a' phlèana bheag sin is tha mi a' faicinn do luchd-turais can a tha 'son an t-àite fhaicinn às na speuran, bhiodh e àlainn", thuirt Mairead.

"Do dh'euslainteach le trioblaidean sam bith le gluasad ge-tà, cha b'urrainn dhaibh faighinn air a' phlèana. S e cho beag 's a tha e".

Dh'innis Mairead mu cho trom 's a tha e oirre siubhal a Steòrnabhagh leis a' chàr is aiseag a ghabhail, ach gu bheil sin fhathast nas fheàrr oir 's urrainn do charaid a dhol còmhla rithe, rud nach eil comasach air a' phlèana.

Thog i ceist carson a dh'fheumas i a dhol a Steòrnabhagh co-dhiù.

"Tha iongnadh orm nach eil e comasach do nurs às an sgioba ann an Steòrnabhagh tighinn an seo aon turas san t-seachdain leis na drugaichean chemotherapy do dhaoine anns na h-eileanan mu dheas.

"Bhiodh e na b'fhasa air na h-euslaintich is na bu shaoire dhan NHS, tha fios", thuirt i.

Buaireadh

Bha an t-seirbheis adhair eadar Steòrnabhagh is Beinn na Faoghla aig teas mheadhan buairidh toiseach an t-samhraidh eadar Comhairle is Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, leis a' Bhòrd air coinneamh shònraichte a chuir air dòigh.

Chuir iad liosta fada de dh' adhbharan dragh air adhart, nam measg gum fàg an t-seirbheis gum bi lùghdachadh ann an clionaigean, a thuilleadh air duilgheadasan aig daoine àite fhaighinn air a' phlèana, agus gum bi cùisean nas miosa tro mhìosan a' gheamhraidh.

A' freagairt an dragh sin, thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad tric air co-obrachadh is taic-airgid iarraidh le siubhail, ach gu bheil am Bòrd Slàinte riamh air a ràdh nach eil dleastanas sam bith orra a thaobh sheirbheisean còmhdhail.

Thuirt a' Chomhairle gun cuireadh iad fàilte air atharrachadh sam bith sa phoileasaidh sin.

Ràinig an gnothach Pàrlamaid na h-Alba san Ògmhìos le ceist bhon BhPA Làbarach Rhoda Ghrannd, taobh a-muigh.

Thuirt Neil Gray gu bheil e mothachail air an t-suidheachadh is gu bheil an Riaghaltas ag obair air fuasgladh le Comhairle nan Eilean Siar is NHS nan Eilean Siar, is gu bheil e "cuideachd mothachail gum bu chòir fuasglaidhean a bhith air an leasachadh aig ìre ionadail".

Bidh ceist air mòran dè na fuasglaidhean a dh'fhaodadh a bhith ann is ciamar a dh'obraicheadh iad taobh a-staigh a' chùmhnaint a chaidh a thoirt seachad mar-tha.

Dh'innis Mgr Gray cuideachd aig an àm gum bi e os cionn na coinneimh ann an Uibhist an t-seachdain seo.

Thuirt cathraiche Còmhdhail CnES, Uisdean Robasdan, gu bheil seo na mhisneachd dha agus gur e cothrom a bhios ann draghan slàinte eile a thogail cuideachd.

Neil GrayTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Neil Gray ann an Uibhist Diciadain

Bidh Mairead Keltie am measg na bhios a' coinneachadh ri Mgr Gray Diciadain.

"Tha mi airson a ràdh ris, nach biodh e comasach dhuibh uile obrachadh còmhla air an seo?

"Cho fad 's a chi mi tha na diofar bhuidhnean uile ag obair san t-saoghal bheag aca fhèin, fa leth bhon fheadhainn eile, is mar sin, na h-euslaintich a tha a' fulang oir chan eil iad a' coimhead ris bho shealladh nan euslainteach.

"Tha mi airson is gum bi iad a' co-obrachadh".

Dh'innis Mairead gu bheil cothrom ann fhathast gnothaichean a leasachadh, ach tha i ag ràdh gum bi e ro anmoch do chuid.

"Chuir mi eòlas air euslaintich eile le aillse nuair a bha mi a' dol a Steòrnabhagh, feadhainn nas bochda na tha mise.

"Chuala mi sgeulachdan uabhasach bhuapa air mar a bha iad a' siubhal dà thuras san t-seachdain is na duilgheadasan a bh' aca.

"Tha cuid dhiubh a tha a-nise air bàsachadh is bha deireadh am beatha uabhasach air adhbharan a dh'fhaodadh a bhith air an seachnadh, aig àm nuair a bha còir aca a bhith air taic is cofhurtachd fhaighinn anns na mìosan is seachdainnean mu dheireadh aca".

Le Rùnaire na Slàinte a' dèanamh air na h-Eileanan an Iar Diciadain, bidh muinntir Uibhist an dòchas gu bheil e dha-rìribh math air èisteachd, mar a gheall e sa Phàrlamaid san Ògmhios.

Is bidh iad uairsin airson gnìomh fhaicinn - bhuaithe fhèin is na buidhnean eile a tha an sàs - cho luath 's a ghabhas.

Tuilleadh air an sgeulachd seo