Dàil a bharrachd air cìs turasachd do dh'Earra-Ghàidheal is Bòd

- Air fhoillseachadh
Cho-dhùin Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid tuilleadh dàil a chur ann an cìs turasachd san sgìre.
Tha iad airson an t-atharrachadh a thig air an lagh sa Phàrlamaid Albannaich fhaicinn an toiseach mus coimhead iad ris a' chùis a-rithist sa Ghiblean.
Bha mì-thoileachas mòr anns an sgìre mun phlana cìs 5% a chur air cosgais oidhche aoigheachd, le dragh gun cuireadh e luchd-turais, a tha cho cudromach do dh'eaconomaidh na sgìre, dheth.
Bha dragh cuideachd air eileanaich a dh'fheumas fuireach air tìr-mòr gu tric airson choinneamhan dotair is eile, no ri linn aiseagan a bhith dheth, 's iad ag ràdh gur e a bh' ann ach cìs air beatha eileanach.
Chuir a' Chomhairle dàil air a' phròiseas san t-Sultain.
Co-chomhairle air cìs turasachd ga deasbad an Earra-Ghàidheal is Bòd
- Air fhoillseachadh20 An Dùbhlachd 2024
Beachdan gan sireadh air cìs turasachd an Earra-Ghàidheal is Bòd
- Air fhoillseachadh20 An Dùbhlachd 2024
"Trioblaidean bunaiteach" an lùib cìs aoigheachd a rèir CnES
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 làithean
Na bu thràithe air a' mhìos seo dh'innis Riaghaltas na h-Alba gun cuireadh iad atharrachadh air adhart mus sgaoil a' Phàrlamaid ron taghadh anns a' Chèitean.
Chuir an Comhairliche Tòraidheach Amanda Hampsey atharrachadh air adhart ag iarraidh gun deadh conaltradh poblach eile a dhèanamh mus deadh a' chùis a dheasbad a-rithist.
Fhuair i taic bhon Chomhairliche SNP Julie NicCoinnich airson an atharrachadh sin, ach cha d' fhuair e troimhe.
Thèid a' chùis a dheasbad a-rithist anns a' Ghiblean.