"Trioblaidean bunaiteach" an lùib cìs aoigheachd a rèir CnES

Bàt-aiseig an Loch Seaforth a' tighinn a-steach gu Cala Steòrnabhaigh is taigh-solais Àranais air a cùlaibh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha a' Chomhairle airson 's gum faigh iad air cìs a chur air luchd-turais aig na puirt is puirt-adhair, seach tro àiteachan-fuirich

  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar air iarraidh uair eile gum faigh ùghdarrasan eileanach cead cìs a chur air luchd-turais aig puirt is puirt-adhair.

Tha iad ag ràdh gu bheil bile ùr an Riaghaltais na "chothrom caillte".

Tha Achd Cìs an Luchd-turais 2024 a' toirt cumhachd do chomhairlean cìs stèidhichte air ceudad (%) cosgais oidhche aoigheachd a chur air luchd-turais aig na h-àiteachan-fuirich aca, feuch airgead a thogail mu choinneimh na buaidhe a tha luchd-turais a' toirt air bun-structair is goireasan.

Tha bile airson atharrachadh a thoirt air an Achd, a chaidh a chur air beulaibh na Pàrlamaid air an t-6mh là den Fhaoilleach, a' dèiligeadh ri duilgheadasan an lùib a bhith a' cur na cìse an sàs.

Tha e cuideachd a' toirt sùbailteachd do chomhairlean eadar cìs ceudad, no cìs stèidhichte a chur an sàs.

Tha cuid de dh'ùghdarrasan ionadail air roghnachadh mar thà cìs a chur an sàs, Dùn Èideann nam measg, agus tha Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air a bhith a' beachdachadh air.

Tha cuid a tha an sàs sa ghnìomhachas air dragh a thogail mun chìs, ag ràdh gun cuireadh e luchd-turais dheth.

A' freagairt iarrtas airson bheachdan air a' bhile atharrachaidh, thuirt a' Chomhairle nach eil am bile a' dèiligeadh ri "trioblaidean bunaiteach" an lùib a bhith a' cur na cìse air daoine tro àiteachan-fuirich ann an sgìrean eileanach, seach aig puirt is puirt-adhair.

Dh'iarr iad dearbhadh gun ceadaich riaghailtean san àm ri teachd gun deadh a' chìs a chur air daoine nuair a thig iad far aiseagan no phlèanaichean.

Chuir a' Chomhairle dàil san Ògmhios an-uiridh air na planaichean aca airson cìs a chur air luchd-turais, agus measadh comais air sealltainn nach toireadh sgeama stèidhichte air àiteachan-fuirich ach buannachd bheag seachad, a thuilleadh air cunnart gun tigeadh call air eaconamaidh na turasachd.

Cho-dhùin an sgrùdadh sin gum feumte cìs "an ìre mhath àrd" a chur air daoine airson buannachdan dha-rìribh, rud a dh'fhaodadh a bhith na chunnart do dh'fharpaiseachd ghnothachasan aoigheachd na sgìre, 's gun cuireadh e uallach ro mhòr orra.

Thuirt a' Chomhairle nach robh an Riaghaltas ach air "glè bheag" de chonaltradh a dhèanamh a thaobh a' bhile ùir, agus nach robh seasamh an Riaghaltais air cìs fa leth a dheadh air soithichean mòra luchd-turais soilleir.

Bhiodh cìs aig na puirt na bu fhreagarraiche do shuidheachadh sgìrean eileanach, 's gum biodh rianachd na sgeama na bu shìmplidhe.

Thèid freagairt na Comhairle air beulaibh Comataidh an Leasachaidh Sheasmhaich airson dearbhadh oifigeil fhaighinn an ath-sheachdain.