"Barrachd sùbailteachd" air fàire a thaobh chìsean turasachd

An t-ÒbanTùs an deilbh, SEONAIDH MACCOINNICH
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gun atharraich iad an lagh gus leigeil le ùghdarrasan ionadail cìs stèidhichte a chur air luchd-turais.

Tha na riaghailtean mar a tha iad an-dràsta a' ceadachadh do chomhairlean ceudad (%) a chur air cosgais aoigheachd oidhche, rud a tha cuid de chomhairlean is feadhainn ann an gnìomhachas na h-aoigheachd a' faireachdainn a tha gan cuingealachadh.

Tha na h-uimhir de dh'ùghdarrasan ionadail, nam measg Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air a bhith a' beachdachadh air cìs turasachd a chur an sàs.

Thuirt ministear an Ionmhais Phoblaich, Ivan McKee, gun cuir e bile atharrachaidh air beulaibh na Pàrlamaid tràth sa bhliadhna ùir, a bheireadh sùbailteachd a bharrachd do dh'ùghdarrasan ionadail.

Bidh cothrom aca cìs stèidhichte a chur an sàs, agus roghainn a' chìs stèidhichte atharrachadh airson diofar sgìrean, diofar amannan den bhliadhna, is an seòrsa àite-fuirich a th' ann.

Thuirt labhraiche eaconomach nan Tòraidhean, Murchadh Friseal, gur e faochadh a tha sa cheum seo ach nach atharraich e a' chosgais a bharrachd agus teip dhearg a tha a' tighinn air gnothachasan agus luchd-siubhail.

Ach chuir àrd-oifigear Chomann Fèin-frithealaidh na h-Alba fàilte air an naidheachd.

"Tha sinn air draghan mòra a thogail mu Achd Cìs an Luchd-tadhail bho chaidh e troimhe ann an 2024 - nach gabhadh obrachadh is gun robh e a' cur uallach fìor mhòr air gnothachasan beaga is mòra, a thuilleadh air ùghdarrasan ionadail," thuirt Fiona Chaimbeul.

"Tha cìs stèidhichte gu math nas sìmplidh is gu math nas fhasa a chur an sàs is tha fàilte mhòr air seo.

"Bho chionn trì mìosan cha robh sinn a' faicinn gun robh seo comasach is tha sinn taingeil gu bheil ministearan air èisteachd is gu bheil iad air gluasad ann an cabhaig."