Atharrachadh air fàire do chìsean turasachd

- Air fhoillseachadh
Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba reachdas ùr a bheireadh roghainnean a bharrachd do chomhairlean ionadail a thaobh mar a chuireadh iad cìs air luchd-turais.
Faodaidh ùghdarrasan ionadail an-dràsta, ma thogras iad, cìs stèidhichte air ceudad cosgais oidhche aoigheachd a chur air luchd-turais mar dhòigh air airgead a thogail airson goireasan a leasachadh.
Ma thèid an reachdas ùr troimhe ge-tà, bidh roghainn aig comhairlean cìs stèidhichte, seach ceudad, a chur an sàs.
Dh'fhaodadh iad fiù 's ìrean stèidhichte eadar-dhealaichte a chur an sàs, a rèir leithid an àm den bhliadhna, nàdar na sgìre sa bheil taigh-aoigheachd, no seòrsa de dh'aoigheachd.
Dh'fhaodadh a' chìs cuideachd a bhith air a cur air gach duine ann am buidhinn, no air a' bhuidhinn fhèin.
Tha an reachdas cuideachd a' soillearachadh na h-uimhir de phuingean eile a thaobh mar a bu chòir a' chìs a riaghladh.
"Dh'obraich sinn gu dlùth le comhairlean agus buidhnean turasachd nuair a chaidh beachdachadh air a' chiad reachdas 's a chaidh e tron Phàrlamaid," thuirt Minstear an Ionmhais Phoblaich, Ivan McKee.
"Tha sinn airson 's gum bi na cìsean seo nan roghainn èifeachdach do chomhairlean a roghnaicheas an cur an sàs airson in-ionmhas a bhrosnachadh ann an eaconomaidhean agus seirbheisean ionadail."
Tha an Riaghaltas an dòchas gun gabh an reachdas a chur troimhe san t-seisean seo fhèin den Phàrlamaid.
Dàil às ùr air cìs luchd-tadhail air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh11 An Dùbhlachd 2025
"Barrachd sùbailteachd" air fàire a thaobh chìsean turasachd
- Air fhoillseachadh2 An Dùbhlachd 2025
Chuir àrd-stiùiriche Comann Luchd-aoigheachd na h-Alba, agus Iar-chathraiche Buidhne Poileasaidh Aonachd Caidreachas Turasachd na h-Alba, Fiona Chaimbeul MBE, fàilte air an naidheachd.
"Tha an gealltanas atharrachaidhean air a bheil cruaidh-fheum a dhèanamh ris an reachdas ann an seisean seo na Pàrlamaid na aithneachadh cudromach air cho èiseil 's a tha an suidheachadh seo agus na h-iom-fillteachd leantainnich an lùib cìse ceudad do roinn luachmhor na h-aoigheachd," thuirt i.
"Leis gu bheil atharrachadh air fàire, chuireamaid ìmpidh air ùghdarrasan ionadail, iadsan a tha mar thà air co-chomhairle fhoirmeil a dhèanamh air cìs ceudad nam measg, beachdachadh gu cùramach air roghainn nas sìmplidhe, cìs stèidhichte, a chur an sàs, nach dèan uiread de chron air gnothachasan."