Dàil às ùr air cìs luchd-tadhail air Ghàidhealtachd

Bhanaichean-campachaidh
  • Air fhoillseachadh

Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd dàil a chur air planaichean airson cìs air luchd-tadhail às dèidh do Riaghaltas na h-Alba innse gu bheil iad gus an lagh atharrachadh.

Tha an t-ùghdarras ionadail air co-chomhairleachadh a dhèanamh roimhe air plana gus cìs 5% a chur an sàs.

Tha iad den bheachd gum faodadh seo £10m a chruthachadh gach bliadhna aig a' char as lugha.

Thuirt oifigich na comhairle gu bheil feadhainn sa ghnìomhachas air dragh mòr a thogail mu chìs a bhiodh stèidhichte air ceudad (%) a chur air cosgais aoigheachd oidhche.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba aig toiseach na mìos ge-tà, gun atharraich iad an lagh a th' ann gus leigeil le ùghdarrasan ionadail cìs stèidhichte a chur air luchd-turais.

Thuirt ministear an Ionmhais Phoblaich, Ivan McKee, gun cuir e bile atharrachaidh air beulaibh Holyrood tràth sa bhliadhna ùir, a bheireadh sùbailteachd a bharrachd do dh'ùghdarrasan ionadail.

A' bruidhinn aig coinneimh de Chomhairle na Gàidhealtachd Diardaoin, thuirt ceannard an ùghdarrais gu bheil e ceart dàil a chur air na planaichean aig an ìre seo.

"Bhiodh e ciallach a bhith a' feitheamh air an reachdas ùr seo oir bheireadh e dhuinn sùbailteachd, is dh'fhaodadh gum biodh cìs stèidhichte na bu fhreagarraiche 'son eaconomaidh na Gàidhealtachd", thuirt an Comh Reamonn Bremner.

"Tha e coltach gu bheil a' choimhearsnachd ghnothachais taiceil ri cìs air luchd-tadhail ann am prionnsabal, is tha an reachdas ùr a' toirt dhuinn cothrom beachdachadh air freagairtean a fhuair sinn gu seo, is mar a dh'obraicheadh cìs stèidhichte dhuinn air a' Ghàidhealtachd".