"Chan eil fhios againn cò a tha a' dol a thighinn chun an dorais"

Ruairidh Peutan
- Air fhoillseachadh
Tha banca-bìdh ann an Iar-thuath na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil atharrachadh a' tighinn air na seòrsaichean daoine a tha a' tighinn thuca, le barrachd dhaoine òga agus luchd-cosnaidh a-nis feumach air cùl-taic.
Thuirt Banca-bìdh an Eilein Sgìtheanaich agus Loch Aillse gu bheil feadhainn a tha dìreach air an sgoil fhàgail am measg na tha a-nis a' sireadh taic.
Dh'innis iad nach eil na h-àireamhan aca air a dhol air ais chun na h-ìre ris an robh iad a' sùileachadh às dèidh Covid, agus iad fhathast a' toirt seachad cha mhòr 2,500 baga bìdh sa bhliadhna.
Thuirt iad gu bheil "staing" ann a thaobh cho mòr 's a tha an t-iarrtas a-nis airson seirbheisean dhan t-seòrsa.

Chaidh am banca-bìdh a stèidheachadh bho chionn deich bliadhna.
Bhon uairsin tha an t-seirbheis, a tha ga ruith le saor-thoilich, air a dhol na tè dheatamach dhan choimhearsnachd a tha i a' frithealadh, le làraichean ann am Port Rìgh agus an Àth Leathann.
Ann an 2016, thug am banca-bìdh 343 baga-bìdh seachad. Dh'èirich an àireamh sin gu 1,076 baga ann an 2019.
Thàinig an t-àm às trainge ann an 2020 le Covid, nuair a thug iad 3,406 baga seachad.
Bha iad an dùil às dèidh a' phandemic gun tilleadh cùisean nas fhaige gu mar a bha iad roimhe, ach cha do thachair sin, is iad air cha mhòr 2,500 baga a thoirt a-mach an-uiridh.
Tha Ruairidh Peutan na urrasair aig a' bhanca-bìdh agus e air a bhith an sàs ann bho 2016.
"Tha an t-iarrtas gu math mòr fhathast agus tha a h-uile coltas ann gu bheil sin a' leantainn," thuirt e.
Thairis air ùine, tha atharrachadh air a thighinn cuideachd air na seòrsaichean daoine a tha a' tighinn thuca.
"Nuair a thòisich sinn 's e pàrantan singilte sa chuid as motha a bha a' tighinn," thuirt Ruairidh.
"Ach an-diugh chan eil fhios againn cò a tha a' dol a thighinn chun an dorais.
"Tha tòrr òigridh a' tighinn, feadhainn a tha dìreach a-mach às an sgoil agus tha iad feumach air biadh."

Marlene NicDhòmhnaill
Tha Marlene NicDhòmhnaill ag obair gu saor-thoileach aig a' bhanca-bìdh ann am Port Rìgh.
"Tha sinn ann an droch staing ann an dòigh," thuirt i.
"Ann am baile beag mar seo, cha bhiodh tu an dùil gum biodh mòran a' cleachdadh banca-bìdh is dòcha, ach mar a chì thu ann an tòrr àitichean air an iomall tha prìs a' bhìdh tòrr nas àirde agus tha daoine ga fhaighinn gu math doirbh.
"Cuideachd tha daoine ag obair tron t-samhradh agus is dòcha nach eil iad ag obair sa gheamhradh, agus chì sinn gu bheil barrachd taic a dhìth."

Air a' mhìos seo, ràinig atmhòrachd a' bhìdh 3.9 % an coimeas ris an aon mhìos an-uiridh.
Airson biadh fionnar chaidh i suas gu 4.4%.
Tha Magaidh Choineagan na cathraiche air coimisean a stèidhich Comhairle na Gàidhealtachd an-uiridh gus a' bhuaidh a th' aig bochdainn san sgìre a rannsachadh.
Tha ise ag ràdh gu bheil na h-àrdachaidhean a' fàgail dhaoine ann an eagal mu ciamar a chuireas iad biadh air a' bhòrd.

Magaidh Choineagan
"'S e fìrinn na cùise nach eil cùisean a' dol nas fheàrr," thuirt i.
"Tha an saoghal gu math doirbh agus gu sònraichte dhaibhsan aig a bheil clann òga.
"Le cho daor 's a tha cùisean anns na bùithtean tha e gu math doirbh do dhaoine a tha ann am bochdainn no a tha faisg air a bhith ann am bochdainn.
"Tha tòrr theaghlaichean a tha dìreach air an loidhne eadar a bhith ceart gu leòr, ach an-còmhnaidh a' cunntais nan sgilleanan, agus feadhainn a tha a' dol fodha."
'S e taic a chur ri daoine gus an suidheachadh sin a sheachnadh fear de phrìomh amasan New Start Highland.
Tha an carthannas a' tabhainn diofar sheirbheisean taic air feadh na Gàidhealtachd, le parsailean bìdh agus uidheaman is treànadh gus biadh fallain a dhèanamh nam measg.
Ach tha iad ag ràdh, airson cuid, nach eil an taic a tha ri làimh' dhaibh a' dol fada gu leòr.

Màiri NicAmhlaigh
"Tha sinn a' cluinntinn a h-uile là mu dhaoine a tha a' strì," thuirt Leas Àrd-Oifigear New Start Highland, Màiri NicAmhlaigh.
"Tha daoine ag innse dhuinn mun bhuaidh a th' aig cosgaisean làitheil agus cho duilich 's a tha e biadh fallain fhaighinn.
"Uaireannan chan eil grèim bìdh aig daoine agus nuair a thèid iad a-steach gu bùth, chì iad prìsean rudan leithid ìm, nach robh ron seo cho daor, agus tha iad a-nis neo-ruigsinneach."
'S e gum biodh biadh ruigsinneach dhan a h-uile duine an t-amas a bh' aig a' BhPA Ghàidhealach Rhoda Ghrannd nuair a chuir ise reachdas air adhart ann an 2024.
Cha deach gabhail ris a' bhile a mhol i an uairsin gus còir air biadh a dhèanamh riatanach fon lagh an Alba.
Ach tha i ag ràdh, le staing a tha a' leantainn, gum feumar coimhead air an leithid às ùr.

Rhoda Ghrannd
"Tha mi an dòchas san ath phàrlamaid gun tog iad air còir a' bhìdh", thuirt Ms Ghrannd, a tha a' seasamh sìos aig an taghadh sa Chèitean.
"Tha mi an dòchas gun cuir iad buidheann air dòigh gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine an còir a tha mar-thà aca fo Achd nan Còraichean Daonna air biadh.
"'S e an trioblaid nach eil duine a' gabhail dleastanas airson dèanamh cinnteach gu bheil an còir sin air a choileanadh, agus tha mi an dòchas gun dèan an ath phàrlamaid sin."
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur e Alba a' chiad dhùthaich san Rìoghachd Aonaichte a thug a-steach plana le cuideam air airgead a thoirt do dhaoine sa chiad àite le amas crìoch a chur air an fheum a th' ann air bancaichean-bìdh.
Thuirt iad gu bheil iad air còir air £3bn a chur ri poileasaidhean gus dèiligeadh ri buaidhean bochdainn agus cosgaisean làitheil, agus gu bheil iad an dùil, a rèir toradh an taghaidh Albannaich, bile Chòraichean Daonna a thoirt a-steach le còir air biadh freagarrach mar phàirt dheth.

Ach air ais aig banca-bìdh an Eilein Sgìtheanaich is Loch Aillse, tha faireachdainn ann gu bheil an dleastanas aig ìre na coimhearsnachd air fhàgail aig seirbheisean dhan t-seòrsa.
"Chan eil freagairt aig an luchd-poileataigs", thuirt Ruairidh Peutan.
"Tha iad dìreach a' coimhead a-nis air bancaichean-bìdh mar phàirt de bheatha làitheil.
"Chan eil e ceart."