Cuirm airson bàta-teasairginn ùr Phort Rìgh a chur air bhog

Bàta-teasairginn ùr Phort Rìgh ga cur air bhog ann am PooleTùs an deilbh, RNLI/NATHAN WILLIAMS
Fo-thiotal an deilbh,

Gheibh an criutha trèanadh air an t-soitheach ùr mus tòisich i ag obair a-mach à Port Rìgh

  • Air fhoillseachadh

Chaidh am bàta-teasairginn ùr a bhios aig stèisean RNLI ann am Port Rìgh a chur dhan mhuir airson a' chiad uair ann am Poole ann an Dorset.

Aig cuirm Dimàirt chaidh clag a bheumadh - cleachdadh traidiseanta a tha a' comharrachadh deireadh faire an t-seann soithich agus toiseach faire na tè ùire.

Chosg am bàta ùr clas Shannon £2.8m agus chaidh ainmeachadh mar Peter and Mary.

Thèid deuchainnean mara a dhèanamh sna beagan mhìosan ri thighinn mus ruig am bàta-teasairginn ùr Port Rìgh agus mus tòisich i ann an seirbheis.

Seann bhàta-teasairginn Phort Rìgh Tùs an deilbh, RNLI/RAIBEART MACAONGHAIS

Bha am meacanaig, Iain 'Clanky' MacNeacail, agus Peadar Urchadan am measg na bha an làthair a' riochdachadh stèisean Phort Rìgh aig a' chuirm am Poole.

Tha Mgr MacNeacail ag ràdh gur e urram a bh' ann am bàta fhaicinn ga cur air bhog airson a' chiad uair.

Thuirt e: "Rinn am bàta a th' againn an-dràsta obair fìor mhath thairis air 30 bliadhna, ach tha adhartas air tighinn air teicneòlas agus innleadaireachd bhon uairsin, agus tha an criutha uile a' coimhead air adhart ri trèanadh fhaighinn air bòrd an t-soithich ùr adhartaiche clas Shannon."

Ged a tha i nas lugha na am bàta clas Trent, an Stanley Watson Barker, a thàinig a Phort Rìgh ann an 1996, tha i a cheart cho luath.

'S e steallan uisge a bhios ga cur air adhart seach proipeilearan agus ruigidh i 25 mìle mara san uair.

Tha dùil gum faigh Baile nam Frisealach agus Inbhir Ùige soithichean ùra am-bliadhna, agus gum bi Barraigh agus Bucaidh am measg nan stèiseanan RNLI a gheibh soithichean ùra ann an 2027.

Tuilleadh air an sgeulachd seo