Rabhadh gum faodadh trioblaidean plèana fàs nas miosa

Hebridean Air Services
  • Air fhoillseachadh

Thàinig rabhadh gum faodadh duilgheadasan leis an t-seirbheis adhair eadar Steòrnabhagh is Beinn nam Fadhla fàs nas miosa tro mhìosan a' gheamhraidh.

Bha àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, a' bruidhinn is coinneamh shònraichte aig a' bhuidhinn Diardaoin gus iomagain mun t-seirbheis a dheasbad.

Thabhainn Mgr Jamieson cuideachd leisgeul do dhaoine air a bheil an suidheachadh a' toirt buaidh, is dh'innis am bòrd slàinte gun clàr iad bho seo a-mach a h-uile h-euslainteach a chuireas dheth, air neo nach urrainn siubhal gu cùram.

Thòisich a' chompanaidh Hebridean Air Services air an t-seirbheis PSO a thoirt seachad sa Ghiblean is an cùmhnant a bh' aig Loganair air tighinn gu ceann.

Chuir am bòrd slàinte a' choinneamh Diardaoin air dòigh is iad air sreath de dhraghan a thogail mun t-seirbheis.

Chan eil ann ach 8 àitichean air plèana Hebridean Air Services seach 48 mar a bh' aig Loganair is beachd ann nach eil rùm gu leòr ann do dh'euslaintich is luchd-obrach slàinte.

Dh'innis aithisg a chaidh air beulaibh a' bhùird gu bheil cunnart ann gum fàg trioblaidean leis an t-seirbheis gum bi lùghdachadh ann an clionaigean anns na h-Eileananan an Iar, a thuilleadh air tàire aig euslaintich faighinn gu leigheas.

Thog an aithisg cuideachd air duilgheadasan a dh'fhaodadh a bhith aig cuid - nam measg feadhainn a th' ann an cathair-chuibhle, a tha trom, no a tha dìreach air a dhol fo lannsa - faighinn air a' phlèana.

Tha am bòrd slàinte ag ràdh nach robh gnothach sam bith acasan ann a bhith a' cur air dòigh a' chùmhnaint no a bhith ga thoirt seachad.

Chuala a' choinneimh Diardaoin gu bheil trioblaidean air a bhith ann tric bho thòisich an cùmhnant ùr sa Ghiblean is seirbheisean air an cur dheth air sgàth thrioblaidean teicniceach no droch shìde.

Thuirt Gòrdan Jamieson gu bheil iomagain air mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith ann leis an aimsir sa gheamhradh.

Còmhraidhean

Bha an aithisg a chaidh air beulaibh a' bhùird cuideachd air togail air mar a sguireas seirbheis aig Loganair sa mhadainn eadar Inbhir Nis is Steòrnabhagh is mar a bheireadh sin buaidh air an t-seirbheis slàinte.

'S e seirbheis a th' ann a tha luchd-obrach slàinte tric a' cleachdadh.

Thuirt Mgr Jamieson gu bheil còmhraidhean a' leantainn le Loganair is NHS na Gàidhealtachd mun sin.

Cha robh guth aige air còmhraidhean le Hebridean Air Services is Comhairle nan Eilean Siar.

Tha Sarah NicEachainn tric a' siubhal còmhla ri euslainteach. Tha ise ag ràdh gu bheil e deatamach gum bi co-obrachadh ann.

"Tha thu a' faireachdainn nach eil na stakeholders a' bruidhinn ri chèile, gun robh còir aig barrachd for a bhith aca mar a tha an suidheachadh - siubhal a tha na lùib no duilgheadas a tha na lùib - dìreach air na tha sin a' cur ri euslaintich

"Tha mi a' smaointinn gu bheil e multi-agency, gu bheil grunn dhiofar bhuidhnean a an lùib a' ghnothaich a dh'fheumas coimhead ri seo is leasachadh fhaighinn dhuinn", thuirt i.

Bha CnES air innse do BBC Naidheachdan Diciadain gu bheil iad tric air co-obrachadh is taic-airgid iarraidh thar nam bliadhnaichean bhon NHS agus Còmhdhail Alba a thaobh a' chùmhnaint PSO eadar Steòrnabhagh is Beinn nam Fadhla, is nach eil NHS nan Eilean Siar a' toirt taic-airgid sam bith seachad.

Thuirt cathraiche còmhdhail na Comhairle, Ùisdean Robasdan, gu bheil e a' cur fàilte air mar a tha NHS nan Eilean Siar a' beachdachadh air an t-seirbheis.

Dh'innis an Comh Robasdan gu bheil an t-ùghdarras ionadail fhèin a' leantainn le oidhirpean gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-seirbheis adhair freagarrach do dhaoine a tha ga cleachdadh.