Companaidh adhair ùr a' siubhail eadar Beinn nam Fadhla 's Steòrnabhagh

Loganair
  • Air fhoillseachadh

'S iad a' chompanaidh Hebridean Air Services a bhios a' ruith sheirbhisean eadar Steòrnabhagh agus Beinn nam Fadhla nuair a thig a' chùmhnant a th'aig Loganair airson na seirbhis gu ceann.

Thuirt cathraiche còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, air Aithris na Maidne Diciadain gun robh Hebridean Air Services le dòchas gun tèid aca air seirbheisean a ruith trì làithean san t-seachdain, an àite an dà là san t-seachdain a tha ri fhaotainn fo chùmhnant Loganair aig an ìre seo.

Tha Hebridean Air Services a' ruith sheirbheisean-adhair às an Òban gu eileanan Earra-Ghàidheal.

'S ann le companaidh à Sealtainn, AirTask, a tha iad, a bhios a' ruith sheirbheiesan eadar eileanan Shealtainn.

"Tha buidheann ris an can iad AirTask, feadhainn leis a bheil Hebridean Air Services, tha iad a' ruith sheirbheisean an-dràsta shìos an Earra-Ghàidheal is Bòd," thuirt Mgr Robasdan.

"Tha na h-oifigearan againn a' bruidhinn riutha sin mu dheidhinn nan seirbheisean agus tha iad toilichte gu leòr, na seirbheisean a tha iad a' frithealadh gu bheil iad math dha-rìribh.

"Mar a tha fhios aig a h-uile duine o chionn dà bhliadhna tha sinne air a bhith a' dol a-steach dhan airgead mu seach a th' againn airson an t-seirbheis a chumail a' dol airson dà là san t-seachdain.

"Cha robh sin seasmhach a' dol air adhart, 's mar sin bha sinn a' feuchainn ri tairgse fhaighinn a bhiodh taobh a-staigh an airgid a bh' againn.

Leudachadh

"Chan e airgead air a dhìon a th' ann idir. Dh'fhaodadh tu a chosg air rud sam bith, ach bha sinn airson dèanamh cinnteach gum biodh seirbheis air choireigin eadar Beinn nam Fadhla is Steòrnabhagh.

"Tha sinn toilichte aig an ìre sin gu bheil sin gus a bhith ann.

"Tha iad a' gealltainn seirbheis Diluain, Dimàirt agus Dihaoine, mar sin seirbheis sa mhadainn à Steòrnabhagh sìos a Bheinn nam Fadhla 's air ais agus sìos a-rithist anmoch feasgar, agus air ais.

"An aon rud Dimàirt, an aon rud Dihaoine.

"Bhiodh an t-itealan stèidhichte ann an Steòrnabhagh fhèin Diluain, Dimàirt agus Dihaoine.

"Thathar a' cur feum air an itealan seo a-mach às an Òban air Diciadain 's Diardaoin.

"An rud a tha math mu dheidhinn seo, tha sinn a' faicinn gu bheil cothrom ann tha sinn an dòchas airson sin 's dòcha a leudachadh, agus bidh sinn a' putadh gu h-àraid airson seirbheis a bharrachd a-mach à Barraigh. Bhiodh sin gu math feumail," thuirt e.

Tha BBC Naidheachdan a’ tuigsinn gur e 28mh den Mhàirt an là mu dheireadh a bhios Loganair a’ ruith na seirbheis-adhair eadar Baile a’ Mhanaich agus Steòrnabhagh.

An-uiridh, chaidh an cùmhnant airson na seirbheis a leudachadh gu deireadh a’ Mhàirt.

Chaidh a chur a-mach gu tairgse airson cùmhnant ùir bho thoiseach a' Ghiblein.

Thar nam bliadhnaichean chaidh an t-seirbheis a ghearradh ri linn chosgaisean.

As t-Samhradh an-uiridh chaidh a lùghdachadh gu dà là san t-seachdain agus chaidh na h-amannan siubhail atharrachadh aig toiseach na bliadhna.

Cha robh Loganair deònach bruidhinn mun chùmhnant gus an tèid am fiosrachadh fhoillseachadh gu h-oifigeil.