Naidheachdan 11:00m

An Ucràin

Thuirt an Kremlin gun do dh'aontaich Vladimir Putin sguir den ionnsaigh air an Ucràin gu Là na Sàbaid, an aon là ris a bheil dùil ri còmhraidhean sìthe ann an Abu Dhabi. Thuirt fear-labhairt ann am Mosgo gun do ghabh Mgr Putin ri sin oir gun do dh'iarr an Ceann-suidhe Trump air gu pearsanta.

Sìona

Thuirt Dòmhnall Trump gum faodadh càirdeas nas dlùithe air Sìona a bhith fìor chunnartach dhan Rìoghachd Aonaichte. Bha esan a' bruidhinn air na chaidh aontachadh an-dè air turas a' Phrìomhaire, Sir Keir Starmer, a th' ann an Sìona. Thuirt Sràid Downing gun robh làn-fhios aig Washington ro-làimh mu thuras a' Phrìomhaire agus gu bheil dùil ri Mgr Trump e fhèin ann an Sìona sa Ghiblean.

Am Morair Wallace

Tha brataich aig leth-chrann os cionn na Pàrlamaid ann an Dùn Èideann an-diugh an dèidh bàs a' Mhorair Jim Wallace, a' chiad Leas-Phrìomh Mhinistear riamh ann an Alba. Chaochail e an-dè goirid an dèidh fàs tinn an dèidh obair-lannsa ann an Taigh-eiridinn Rìoghail Dhùn Èideann. Bha e 71.

Iran

Thuirt an Ceann-suidhe Trump ma tha Iran airson ionnsaigh armailte Aimeireaganach a sheachnadh gum feum iad dà rud a dhèanamh: sin cùl a chur rim prògram niùclasach agus sguir a mharbhadh luchd-togail fianais. Thuirt Mgr Trump nach eil e ag iarraidh na bàtaichean cogaidh Aimeireaganach a tha a' seòladh gu ruige Iran an-dràsta a chur gu feum.

Connadh

Dh'innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gum bi cairteal a' mhillean Albannach eile a' pàigheadh £150 nas lugha air connadh dachaigh air a' gheamhradh seo tighinn. Tha an Riaghaltas a' cur £92m ri sgeama nan Dachaighean Blàth airson an ath chòig bliadhna. Ach thig air cuid aig a bheil dachaigh tuilleadh fiosrachaidh a thoirt seachad ro dheireadh a' Ghearrain airson àite san sgeama air a' gheamhradh seo tighinn.

Am Baile Sear

Tha muinntir a' Bhaile Shear tàmailteach nach deach pàirt den airgead airson rathaidean Uibhist a chur ri leasachadh air cabhsair an eilein. Fhuair Comhairle nan Eilean Siar £20m bho chionn ghoirid bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson ùrachadh sa choimhearsnachd agus thèid faisg air an dàrna leth dheth sin a chosg air rathaidean agus cabhsairean Uibhist, ach chan eil cabhsair a' Bhaile Shear nam measg.