'S fheàrr a bhith seinn na deagh dhàn a chall

Màiri CallanTùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Màiri ag ràdh nach eil an aon luchd-èisteachd ann an-diugh dha na h-òrain mhòra mar a b' àbhaist

  • Air fhoillseachadh

Nach iomadh dàn Gàidhlig a tha am falach eadar duilleagan leabhair dhuslaich?

Nuair a leughar iad, gu tric thig fonn as aithne dhut a-mach tron ruitheam, oir chan e dàin a bh' ann am bàrdachd Ghàidhlig gu traidiseanta anns an t-seagh 's gun tuigear am facal Beurla "Poem" - 's ann a chaidh an dèanamh airson an seinn.

Tha cuid de na h-òrain ge-tà, a th' air a dhol nan dàin, agus na fuinn aca air an call. Gun fhonn, tha òran marbh, dh'fhaodadh tu a ràdh.

Tha an seinneadair Gàidhlig Màiri Callan gu math eòlach air a bhith a' rùrach nan duilleagan seo.

Rinn i obair fad bhliadhnaichean a' sgrùdadh 's a' cumadh ciùil airson òrain nach robh ann ach ann an riochd sgrìobhte, 's iad balbh-phaisgte air sgeilfichean.

"Thòisich e mar phròiseact san oilthigh," thuirt Màiri, a bhuannaich Bonn Òir an t-Seann Nòis aig a' Mhòd an-uiridh.

"Nuair a bha mi a' coimhead tro na leabhraichean aig Mam agus Kenna Chaimbeul, thug mi an aire gun robh cuid de bhàrdachd air nach eil fuinn as aithne dhuinn an-diugh."

Chuir sin smuain na ceann am bu chòir dhi fuinn a chur riutha ach an gabhadh iad seinn a-rithist? Cho-dhùin i gum bu chòir, agus chuir i fuinn ri deich seann phìosan bàrdachd air caochladh chuspair.

Am measg nam bàrd a tha a' nochdadh san leabhar, tha Iain MacCodruim, Sìleas na Ceapaich, an Clàrsair Dall, Màiri Nighean Alasdair Ruaidh, Iain Lom, Mairead Nighean Lachlainn, agus Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir - ainmean aithnichte, ach ainmean a dh'fhàg gu leòr a bharrachd air na 's aithne dhuinn mar dhìleab.

Màiri Callan 's Bonn Òir an t-Seann Nòis na làimh aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail anns a' GhearasdanTùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach

Tha ruitheam agus ceòl fillte a-steach air a h-uile pìos bàrdachd thraidiseanta. An e mar sin, gun tàinig na fuinn a-mach gu nàdarra gu Màiri fhad 's a bha i gan leughadh?

"'S e gu ìre," thuirt Màiri.

"Agus tha mi cinnteach, tha e a rèir a' chuspair, oir tha e cudromach urram a thoirt dha na bàird cuideachd.

"Cha bhiodh e freagarrach fonn aighearach, aotrom a thoirt do chumha.

"Agus leis na h-òrain chlasaigeach cuideachd, leithid òrain a' Chlàrsair Dhoill, 's e fear-ciùil a bh' anns a' Chlàrsair Dhall, agus tha mi cinnteach tha range na bu mhotha sna h-òrain aigesan air sgàth 's gun robh na sgilean ciùil a bha sin aige nuair a chaidh e a dh'Èirinn airson an clàrsach 's bàrdachd ionnsachadh."

An uair sin tha ceist a nochdas air bilean iomadh Gàidheil gu tric - dè a b' fheàrr - an Seann Nòs, no stoidhle eile?

"Tha measgachadh ann de leithid art song, agus Seann Nòs," thuirt Màiri.

"Agus tha mi cinnteach, tha feadhainn de na h-òrain gu math fosgailte cuideachd, a thaobh dè seòrsa dreach a tha thu airson a chur air.

"Tha feadhainn de na h-òrain sìmplidh gu leòr, agus thèid aig daoine air ceòl-taice a chur riutha nam biodh iad air a shon iad fhèin.

"Agus chuir mi co-sheirm clàrsaich anns an leabhar airson dhà de na h-òrain aig a' Chlàrsair Dhall."

Làmh ri clàrsaichTùs an deilbh, Getty Images

Chan eil òran na òran mura h-eil fonn air, ach nuair a tha fonn air, feumar a sheinn, no chan eil e beò.

Ach 's e a dh'fhàg gun deach na fuinn a chall, nach eil seinn cho cumanta mar rud sòisealta an-diugh 's a b' àbhaist.

"Tha na farpaisean mar a' Mhòd uabhasach math airson na seann òrain a thaisbeanadh," thuirt Màiri.

"Seachad air a' Mhòd, tha e cho doirbh àite fhaighinn.

"Tha mi fhèin air feuchainn ri cothroman a dhèanamh, 's bidh mi fhèin a' gabhail nan òran mòra aig cuirmean.

"Chan eil an aon luchd-èisteachd ann 's a bha tha mi cinnteach, ma dh'fhaoidte nuair a bha mo mhàthair an aois agamsa.

"Oir chan eil daoine a' tuigsinn nan òran san aon dòigh - tha mise air an t-uabhas de dh'fhaclan ionnsachadh, agus tòrr de na faclan anns an t-seann bhàrdachd, uill, chan eil sinn gan cleachdadh an-diugh.

"Mar sin bha Faclair Dwelly tric ri mo làimh, 's Kenna Chaimbeul aig ceann eile a' fòn!"

Thèid an leabhar "Slighe Fonn na Bàrdachd" a chur air bhog aig tachartas aig a' Khelvin ann an Glaschu feasgar Disathairne, le ceòl bho Alasdair MacIlleBhàin, Calum MacColla, Wilma Cheanadach, agus Màiri Anna NicUalraig.