Cobhair air duine a bha fad oidhche a-muigh air beinn an Stoirm Chandra

Chaidh buill de Sgioba-teasairginn Bheanntan Ghleann Comhann a-mach airson cobhair a dhèanamh air an duine
- Air fhoillseachadh
B' fheudar do dh'fhear-sreap an oidhche a chur seachad a-muigh air beinn ann an Gleann Comhann agus e ann an cruaidh-chàs an dèidh do Stoirm Chandra bualadh.
Thuirt Sgioba Theasairginn Bheanntan Ghleann Comhann nach b' urrainn don duine tighinn a-nuas bho mhullach Bidean nam Bian, a tha 3,773tr de dh'àirde, leis cho mòr 's a bha a' ghaoth.
Dh'fhàg am fìor dhroch shìde agus an cunnart bho mhaoimean-sneachda gun robh aig an luchd-teasairginn ri dàil a chur air an iomairt chobhair gus an tigeadh solas an là agus piseach air an aimsir an ath-mhadainn.
- Tùs an deilbh, SGIOBA-TEASAIRGINN BHEANNTAN GHLEANN CHOMHANN

1 de 6
Ràinig Sgioba Theasairginn Bheanntan Ghleann Comhann, le taic bho heileacoptar Mhaor-chladaich Inbhir Nis, far an robh an duine agus chaidh a thoirt air streadsair gu àite air a' bheinn far an gabhadh a sgèith air falbh.
Thuirt an luchd-teasairginn gun robh am fear-sreap "gu math fuar ach glè chalma" an dèidh a bhith a' fulang 17 uairean de thìde air a' bhlàr a-muigh.
Rinn an sgioba moladh cuideachd air sgilean agus gaisgeachd criutha nam Maor-Cladaich.

Rinn Maraichean Breatannach agus Duidseach cobhair air an duine air Beinn Nibheis
Disathairne a chaidh, rinn saighdearan Maraichean Rìoghail na h-Alba agus buill Khorps Mariniers Duidseach cobhair air fear-coiseachd a bha ann an staing an dèidh dha a bhith air dealachadh bho a dhithis charaidean air Beinn Nibheis.
Thuirt na Maraichean Rìoghail gun robh an duine na chnap san t-sneachda air a' mhullach agus gun robh "pìosan deighe cruaidh ri a mhalaidhean, bonaid agus miotagan".
Bha uspagan gaoithe cho làidir ri 40msu agus cho fuar ri mu -20 Celsius.
Rinn na saighdearan, a bha air eacarsaich trèanaidh beinne, streadsair a-mach à ropannan, seacaid agus baga-fasgaidh bivvy airson an duine a tharraing gu sàbhailteachd.
Chaidh a thoirt gu na seirbheisean èiginn nas fhaide sìos a' bheinn.
"Mura a b' e gun robh sinn air fhaicinn, chan eil teagamh nach biodh e air bàsachadh," thuirt an Sàirdseant Onno Lankhaar, commandair roinne nam maraichean Duidseach.

Rinn na Maraichean streadsair a-mach às an stuth a bh' aca airson an duine a thoirt gu àite nas sàbhailte




