Tàmailt sa Bhaile Shear nach cosgar airgead ùr air càradh a' chabhsair aca

Tha luchd-còmhnaidh a' Bhaile Shear ag ràdh nach eil an cabhsair sàbhailte
- Air fhoillseachadh
Tha daoine sa Bhaile Shear an Uibhist a Tuath ag ràdh gu bheil e na bhriseadh-dùil dhaibh nach bi sgillin den airgead a chomharraich Comhairle nan Eilean Siar airson rathaidean na sgìre a leasachadh air a chosg air a' chabhsair acasan.
Fhuair a' Chomhairle £20m bho chionn ghoirid bho mhaoin Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson ùrachadh coimhearsnachd.
Dh'fhoillsich iad gun tèid £9m a chosg air rathaidean is cabhsairean an Uibhist a thoirt gu ìre.
Tha muinntir a' Bhaile Shear diombach ge-tà, nach eil an cabhsair eadar iad agus tìr-mòr Uibhist a Tuath sa phlana sin.
Cabhsair a' Bhaile Shear "na chunnart do bheatha"
- Air fhoillseachadh30 An t-Sultain 2024
Dragh mu chabhsair a' Bhaile Shear
- Air fhoillseachadh24 Am Faoilleach 2024
Faisg air £9m gus rathaidean Uibhist is Bharraigh a dhèanamh nas sàbhailte
- Air fhoillseachadh9 An Dùbhlachd 2025
Thuirt fear de mhuinntir an àite, Stiùbhart MacMhathain: "Tha a h-uile duine a' gabhail ris gu bheil trioblaid ann ach chan eil duine deònach fuasgladh a chur air adhart."
'S fhada bho bha iad a' gearan nach eil e sàbhailte tuilleadh agus am muir tric a' tighinn tarsainn air ann an droch shìde agus nuair a tha làn àrd.
Tha Cathraiche Còmhdhail CnES agus an chomhairliche Uibhisteach, Ùisdean Robasdan, ag ràdh gun do thagh iad "rudan a bha aig ìre far an robh tòrr obair air a dhèanamh airson bliadhnaichean" agus far an gabhadh obair tòiseachadh orra.
Cha robh agus chan eil leasachadh air cabhsair a' Bhaile Shear faisg air an ìre sin.

Tha an cabhsair tric dùinte air sgàth na sìde agus na tìde-mhara
Bha an cabhsair dùinte tric sa bhliadhna 2022 le tuiltean le làn àrd neo stuadhan a' dol tarsainn air ann an stoirm.
Fiù 's gun droch aimsir a bhith ann feumaidh misneachd a bhith aig duine air chois leis cho cumhang is a tha e.
Chan eil ach dà sheach-làrach air a' chabhsair agus gu math tric feumaidh daoine leum air a' bhalla ma thig carbad.
Tha Stiùbhart MacMhathain ag ràdh "nach do dh'iarr duine airson cabhsair ùir".
"Tha sinn air iarraidh air a' chomhairle ùrachadh a dhèanamh air an fhear-sa agus thuirt iad gun coimheadadh iad ris feuch dè chosgadh e nuair a choinnich sinn riutha bho chionn dà bhliadhna.
"Gu ruige seo, cha chuala sinn càil air ais bhuapa mun sin," mhìnich Mgr MacMhathain.

Tha an Comhairliche Ùisdean Robasdan an dòchas gun gabh stòras eile ris a bheil duil cleachdadh gus an cabhsair ùrachadh
Chan e seo ceann an rathaid ge-tà. Tha dùil ri stòras airgid eile, gu sònraichte airson bun-structair, dhan chomhairle agus na h-ùghdarrasan ionadail an Sealtainn is Arcaibh thairis air an ath 10 bliadhna.
Tha an Comh Robasdan ag ràdh gu bheil e a' tuigsinn gu bheil "airgead mòr gus a bhith na lùib".
Thuirt e: "Bidh cothrom nas fheàrr coimhead air pròiseactan a bheir beagan a bharrachd ùine air am faighinn gu ìre."
Tha e ag ràdh gu bheil còmhraidhean air a bhith ann le oifigearan na comhairle feuch am faigh iad prìomhachas dhan chabhsair.