Cabhsair a' Bhaile Shear "na chunnart do bheatha"

Moira Dhòmhnallach
  • Air fhoillseachadh

'S e briseadh-dùil a th' ann do mhuinntir a' Bhaile Shear nach eil adhartas air a bhith ann a thaobh obair-leasachaidh air cabhsair an eilein a dh'aindeoin 's gu bheil an iomairt aca air aire luchd-poilitigs na sgìre a ghlacadh.

Bidh an cabhsair a' dol fodha nuair a bhios muir-làn aig àirde, 's tha cunnartan ann le stuadhan a' dol os a chionn ann an stoirm.

Eadar faighinn gu obair, tilleadh dhachaigh, no leithid ambaileansan a' faighinn thuca nam biodh èiginn ann, tha iomadh trioblaid an cois a' chabhsair do mhuinntir an àite.

"Chan eil cuimhne agam nuair a bha mi na b' òige gun tug e uimhir de bhuaidh air a' bheatha againn. A' cur stad oirnn o bhith a' dèanamh rudan o là gu là," thuirt Moira Dhòmhnallach, a thogadh anns a' Bhaile Shear, 's a tha a' fuireach ann fhathast.

"Ach 's e sin a tha e a' dèanamh a-niste.

"B' àbhaist gur ann sa Gheamhradh a bu mhotha a bhiodh dragh oirnn mun chabhsair - ach chan ann fiù 's a-mhàin sa Gheamhradh a tha a-niste."

Sprùilleach air a' chabhsair ann an droch aimsir
Fo-thiotal an deilbh,

Aig muir-làn ann an droch shìde tha an cabhsair cunnartach a dhol a-null air

Ged nach biodh èiginn ann, tha an suidheachadh a' cur bacadh air beatha dhaoine.

"Bidh mise ag obair sioftaichean cuideachd, sioft oidhche, agus am-bliadhna fhèin bha agam ri feitheamh dà uair de thìde taobh thall a' chabhsair. Chan fhaighinn dhachaigh oir bha e ro chunnartach.

Tha Somhairle MacDhòmhnaill a' fuireach an Cladach a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath. Ach tha e a' cumail stuic sa Bhaile Shear, air taobh thall a' chabhsair.

"Uaireannan aig àm breith 's rudan mar sin tha mi a' feuchainn ri faighinn sìos a choimhead air a' chrodh cho luath 's a tha i a' soillearachadh, 's uaireannan tha an cabhsair fodha 's feumaidh tu feitheamh uair no dhà mus faigh thu sìos.

"An uair sin tha thu a' wondradh dè tha a' tachairt."

Stiùbhart MacMhathain is Sarah NicMhathain
Fo-thiotal an deilbh,

Thill Stiùbhart MacMhathain gu eilean àraich le a theaghlach an dèidh bhliadhnaichean air tìr-mòr

Thogadh Stiùbhart MacMhathain ann cuideachd, agus thill e a dh'fhuireach ann an dèidh bhliadhnaichecan air tìr-mòr.

Cha do chuir trioblaidean mun chabhsair bacadh air o bhith a' tilleadh le a theaghlach.

"Tha e air cùl d' inntinn, ach ma tha thu air do thogail an seo tha fhios agad nuair a tha an cabhsair sàbhailte, no tha deagh bheachd agad cuin as urrainn dhut a dhol a-null no nach urrainn.

"Chan eil sin ga dhèanamh dad nas fheàrr, ach tha fhios againn cuin a bu chòir sinn a dhol a-null 's cuin nach bu chòir," thuirt e.

"Tha e na chùis eagail dha-rìribh," thuirt a bhean, Sarah.

"Can gu bheil (am mac) Fionnlagh san sgoil-àraich 's chan fhaigh sinne thuige deireadh an là, 's sinn air ar gearradh dheth.

"Tha a' mhòr-chuid den teaghlach againn anns a' Bhaile Shear cuideachd 's chan eil na tha sin de dhaoine taobh thall a' chabhsair a dh'fhaodadh a dhol ga thogail dhuinn."

Tha cuideachd Multiple Schlerosis air Sarah, 's tha dragh oirre mun chabhsair ri linn sin.

"Nam biodh feum agam air taic mheadaigich, ma thig tuiteam air ais orm, 's gum feum mi a dhol a dh'àite, no gum feum cuideigin tighinn an seo, tha e gu tur air a ghearradh dheth.

Tha muinntir an eilein air a bhith ag iomairt airson an cabhsair a leasachadh.

"Tha coltas ann gu bheil daoine den bheachd gur e cabhsair ùr a tha sinn ag iarraidh," thuirt Stiùbhart.

"Chan ann mar sin a tha.

"'S e tha sinn ag iarraidh ach gun tèid am fear seo a chumail suas mar a bu chòir.

"Bha mise sa bhun-sgoil nuair a chaidh an cabhsair seo a chàradh mu dheireadh.

"A thuilleadh air tuill a bhith gan lìonadh cha chreid mi gun deach càil mòr sam bith eile a dhèanamh bhon uair sin."

Ann NicIlleathain
Fo-thiotal an deilbh,

Feumaidh Ann NicIllEathain a dhol a-null thar a' chabhsair airson obair siofta a dhèanamh

Tha Ann NicIllEathain a' fuireach aig ceann an iar a' chabhsair.

"A' fuireach dìreach ri taobh a' chabhsair tha thu a' faighinn deagh shealladh 's deagh bheachd air dìreach cho dona 's a tha e.

"Bidh thu air do bheò-ghlacadh le apaichean - apaichean sìde, apaichean na tìde-mhara.

"Gu h-àraid nuair a tha mi a' falbh a dh'obair - obair siofta - 's bidh agam ri falbh aig 06:30m, coimheadaidh mi an oidhche roimhe am bi an làn àrd mun àm a dh'fhalbhas mi, dè an àird às a bheil a' ghaoth, cò ris a tha an t-sìde coltach?

"Am feum mi falbh gu math nas tràithe 'son obair, no am faigh mi fiù 's a-steach 'son obair 's dè a' bhuaidh a dh'fhaodadh sin a thoirt air mo cho-obraichean?

"Ma bhios teine ann chan fhaigheadh carbad-smàlaidh ann ann an aimsir mar sin.

"Chan fhaigheadh ambaileansan ann.

"Mar sin dha-rìribh tha sinn a' faireachdainn gu bheil cunnart ann do bheatha."

An cabhsairTùs an deilbh, Google

Luchd-turais

'S dòcha gun glèidh an t-eòlas a th' aig daoine gu h-ionadail iad bho thubaist, ach tha cus a bharrachd dhaoine a' dol tarsainn a' chabhsair na iadsan a-mhàin.

"Tha tòrr luchd-turais a' tighinn sìos dhan Bhaile Shear 's dh'fhaodadh iad feuchainn a-null air," thuirt Somhairle.

"Dh'fhaodadh tubaist mhòr a bhith ann uaireigin.

"So tha an t-àm aca rudeigin a dhèanamh mus tachair rudeigin mar sin."

"An t-àm a bha sin a bha mise air mo ghlacadh taobh thall a' chabhsair, bha fhios agam nach bu chòir dhomh a dhol air," thuirt Moira.

"Oir tha mi air a bhith a' fuireach an seo fad mo bheatha.

"Bha fhios agamsa mun chunnart.

"Ach tha uimhir de dhaoine a bhios a' tadhal air an eilean bheag a tha seo - fad na bliadhna.

"Nan deadh cuideigin air gun fios a bhith aca - 's e dha-rìribh cunnart a th' ann do bheatha. 'S e a th' ann."