Poilis ag iarraidh taic corp a lorgadh far Eilein Ì aithneachadh

Sealladh tarsainn air Abaid Eilein Ì thar an Rois Mhuilich gu ruige na h-Àirde Meadhanaich ann am MuileTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha na Poilis ag iarraidh taic le bhith ag aithneachadh cuirp bhoireannaich a chaidh fhaighinn far chosta Eilein Ì san t-Sultain.

Fhuaireas an corp air an 23mh là den t-Sultain 2025 agus chan eil fhios fhathast cò a bh' anns a' bhoireannach a dh'aindeoin rannsachaidh "fharsainn" agus anailis foireansaich.

Chaidh rannsachadh a dhèanamh san sgìre fhèin, agus cuideachd air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus na Roinn Eòrpa.

Thathas a' dèiligeadh ris a' bhàs mar chùis neo-mhìnichte, agus chan eil dùil gu bheil càil amharasach mu dheidhinn.

Bha am boireannach geal, mu 6tr de dh'àirde, 's aois eadar 45 is 60, 's i meadhanach tapaidh. Cha robh tatùthaichean no comharran follaiseach sam bith gun robh obair-lannsa air a dèanamh oirre.

Nuair a fhuaireas an corp bha briogais coiseachd dhubh uimpe, agus botannan coiseachd Meindl air meud 8.5. Tha dùil gun robh i sa mhuir eadar ceithir is sia seachdainnean.

"Tha sinn a' dèanamh na 's urrainn dhuinn 'son faighinn a-mach cò a bh' anns a' bhoireannach seo ach an gabh innse dha a teaghlach," thuirt an t-Insp Roddy MacNèill aig Poileas Alba.

"Tha fhios agam gur dòcha gur gu bheil cuideigin càirdeach dhi, cuideigin 's dòcha a tha a' caoidh am màthar, an nighinn no am peathar."

Chuir e ìmpidh air duine le fiosrachadh sam bith fios a chur air na Poilis., taobh a-muigh