Dragh mu chabhsair a' Bhaile Shear

Cabhsair a' Bhaile ShearTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Sgrìobh BP nan Eilean Siar aig Westminster gu Comhairle nan Eilean Siar agus gu Riaghaltas na h-Alba is e ag iarraidh orra an cabhsair eadar am Baile Sear agus Uibhist a Tuath a dhèanamh nas àirde.

Tha seo a' tighinn agus am muir air tighinn tarsainn air a' chabhsair grunn thursan nuair a tha làn àrd agus droch shìde ann.

Thuirt Aonghas Brianan MacNìll gu bheil an droch aimsir bho chionn ghoirid air sealltain a-rithist cho deatamach 's a tha e gun tèid an cabhsair a leasachadh.

Tha muinntir an àite air draghan a thogail mun t-suidheachadh anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.

"Tha cabhsair a' Bhaile Shear càran ìosal agus 's e dragh a th' ann uaireanan is an làn a' dol seachad oirre", thuirt Mgr MacNìll.

"Nuair a tha stoirm mar a th' againn an ceartuair a' nochdadh, bhiodh cùram air muinntir an àite - tha 60 a' fuireach san eilean - na daoine a tha a' tighinn air ais is air adhart".

"Tha i na dhragh is tha còir aice a bhith na dhragh gus an tig leasachadh air choireigin a dhèanamh oirre, agus gum bi an cabhsair gu math nas sàbhailte is nuair nach bi am muir a' dol seachad oirre", thuirt e.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum bu chòir bruidhinn ri Còmhdhail Alba, a thuirt gur e gnothach a th' ann dhan ùghdarras ionadail.

Tha sinn a' feitheamh beachd bho Chomhairle nan Eilean Siar.