Dh'ainmicheadh fear is deugaire a dh'eug an tubaist rathaid sa Chorpaich

Bhuineadh David Allan MacAoidh, 44, agus Kai MacMhathain, 16, do sgìre na Corpaich
- Air fhoillseachadh
Dh'ainmich na poilis gur iad David Allan MacAoidh, 44, agus Kai MacMhathain, aois 16, às a' Chorpaich, a fhuair bàs an dèidh dhan chàr aca a dhol na theine faisg air a' Ghearasdan air a' mhìos a chaidh.
Fhuair na poilis fios gun robh carbad na theine sa Chorpaich air an A830, am prìomh rathad eadar Malaig agus An Gearasdan, mu 03:00 sa mhadainn Disathairne an 21mh den Ghearran.
Chaidh na seirbheisean èiginn ann agus chuir iad an teine às
Dhearbh rannsachadh nam poileas gun robh tubaist air a bhith aig a' chàr Vauxhall Astra gorm mu 01:45m. Cha robh carbad eile an sàs ann.
Tha sgrùdadh nam poileas a' leantainn feuch dè a bu choireach ri na thachair.
Thuirt an Sàirdseant Calum MacAmhlaigh: "Tha ar smuaintean le càirdean agus caraidean an fheadhainn a bhàsaich san tubaist seo. Dh'iarramaid gum faigh iad prìobhaideachd.
"Dh'iarrainn uair eile air duine sam bith a bha a' dràibheadh air an A830 ann an uairean beaga na maidne air an 21mh den Ghearran agus nach do bhruidhinn ris na poilis fhathast, a thighinn air adhart.
"Nam faca sibh rud sam bith a dh'fhaodadh ar cuideachadh neo ma tha dealbhan dash-cam mun àm seo agaibh, tha sinn ag iarraidh oirbh a thighinn a bhruidhinn rinn cho luath sa ghabhas."
Ma tha fiosrachadh aig daoine faodar fios a chur air na poilis an seo, taobh a-muigh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh23 An Gearran
